Legal statements

Aithris Sho-ruigsinneachd Moodle an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg

Tha an aithris sho-ruigsinneachd seo a’ buntainn ri Siostam Rianachd Ionnsachaidh Moodle an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT).

A’ cleachdadh na làraich-lìn seo

Tha an làrach-lìn seo air òstaireachd le Synergy Learning agus air a chumail suas/air a chomasachadh le Synergy Learning agus Oilthigh Ghlaschu le chèile.

Tha Siostam Rianachd Ionnsachaidh Mhoodle an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) a’ dol còmhla ris a’ phrògram, An t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg air fad gus taic a thoirt do thidsearan, tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, a bhith a’ stiùireadh agus a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh agus dearbhadh gus na dòighean obrach aca a leasachadh, a los teagasg agus ionnsachadh aig sàr ìre a lìbhrigeadh.

Tha sinn airson ’s gum bi e comasach do nas urrainn de dhaoine an làrach-lìn seo a chleachdadh. Mar eisimpleir, tha seo a’ ciallachadh gum bu chòir gum biodh e comasach dhut:

  • Dathan, ìrean iomsgaraidh agus cruthan-clò atharrachadh
  • Sùmadh a-steach suas gu 300% a dhèanamh gun an teacsa a dhol far an sgrion
  • Stiùireadh tron làrach lìn le meur-chlàr no bathar-bog aithneachaidh-chainnte a-mhàin
  • Èisteachd ris a’ chuid as motha den làrach-lìn a’ cleachdadh leughadair sgrion (a’ gabhail a-steach na tionndaidhean as ùire de JAWS, NVDA agus VoiceOver)

Tha fiosrachadh air AbilityNet a thaobh ciamar a ghabhas an t-inneal agad a dhèanamh nas fhasa a chleachdadh ma tha ciorram ort.

So-ruigsinneachd na làraich-lìn

Tha fios againn nach eil a h-uile pàirt den làrach-lìn gu tur so-ruigsinneach. Gus seo a leasachadh, faodaidh luchd-cleachdaidh:

  • Ùrlar Moodle a leasachadh leis an t-inneal Accessibee, a leigeas le luchd-cleachdaidh meud teacsa, cruth-clò agus sgeama dhathan atharrachadh agus seo a chur an gnìomh thairis air na duilleagan Moodle aca air fad.

Fios air ais agus fiosrachadh conaltraidh

Ma gheibh thu lorg air trioblaidean sam bith nach eil a’ nochdadh air an duilleag seo, no ma tha thu den bheachd nach eil sinn a’ coileanadh riatanasan so-ruigsinneachd, cuir fios gu:

Ma tha fiosrachadh air an làrach-lìn seo a dhìth ort ann am fòrmat eadar-dhealaichte, leithid PDF so-ruigsinneach, meud-clò mòr, leughadh soirbh, clàradh fuaim no braille, cuir fios gu:

Beachdaichidh sinn air an iarrtas agad agus gheibh thu freagairt taobh a-staigh 5 làithean.

Cànan Soidhne Bhreatainn

Faodaidh luchd-cleachdaidh CSB fios a chur thugainn tro contactSCOTLAND-BSL, eadar-mhìneachadh Chànan Soidhne Bhreatainn tro sheirbheis ath-sheachadaich bhidio air-loidhne.

Faigh barrachd fiosrachaidh mu chuideachadh CSB: contactSCOTLAND

Dòigh-obrach Chur an Gnìomh

’S ann air Coimisean Co-ionannachd agus Còraichean Daonna (CCCD) a tha an t-uallach airson Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean innealan-làimhe) (Àireamh 2) 2018 (na ‘riaghailtean so-ruigsinneachd’) a chur an gnìomh. Mura h-eil thu riaraichte leis mar a fhreagras sinn an gearan agad, cuir fios don t-Seirbheis Comhairle agus Taic a thaobh Co-ionnanachd (SCTC).

Fiosrachadh teicnigeach a thaobh so-ruigsinneachd na làraich-lìn seo

Tha Oilthigh Ghlaschu a’ cur roimhe gum bi ùrlar Moodle an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg so-ruigsinneach, a rèir Riaghailtean So-ruigsinneachd nam Buidhnean Poblach (Làraichean-lìn agus Aplacaidean innealan-làimhe)(Àireamh 2) 2018

Inbhe Gèillidh

Chaidh deuchainn a dhèanamh le MoodleHQ air bun-làrach-lìn Moodle ma choinneimh inbhe 2.2 AA de Shlatan-tomhais Sho-ruigsinneachd Susbaint Eadar-lìn (SSSE), far a bheil seo a’ buntainn ri comas-gnìomh bunaiteach ùrlar Moodle. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh a thaobh co-fhreagarrachd sho-ruigsinneachd bunaiteach Mhoodle aig:

Susbaint nach eil So-ruigsinneach

Chan eil, no dh’fhaodadh nach eil, an t-susbaint ainmichte gu h-ìosal so-ruigsinneach air na h-adhbharan a leanas.

Trioblaidean le teacsa

  • Dh’fhaodadh nach eil cuid de cheangalan a’ dèanamh ciall nuair a thèid an leughadh leotha fhèin (m.e. “cliog an seo”), a’ fàilligeadh SSSE 2.4.4. Tha sinn a’ brosnachadh luchd-cruthachaidh susbaint air ISMT gus ceangalan agus stiùireadh a dheilbh ann an leithid de dhòigh agus gu bheil adhbhar a’ cheangail soilleir nuair a thèid a leughadh leis fhèin, a seachnadh abairtean leithid “cliog an seo” no “leugh tuilleadh”. Bu chòir do cheangalan nochdadh mar ghnìomhan soilleir, mar eisimpleir, le cairtean no putanan air a bheil teacsa leithid “Faic tachartasan co-cheangailte” no “Theirig gu duilleag an fho-ionaid”, a tha soilleir a thaobh ceann-uidhe no buil a’ cheangail. Cumaidh sinn sùil air mar a thèid ceangalan a chleachdadh gus dèanamh cinnteach gu bheil an t-susbaint as ùire a’ cumail ris na h-inbhean.
  • Dh’fhaodadh stoidhleadh leasaichte a thèid a chur an gnìomh le ùghdairean susbaint trioblaidean iomsgaraidh adhbharachadh aig amannan (SSSE 1.4.3). Tha seo air a mhaothachadh le ISMT tro theamplaidean coitchinne agus stiùireadh a thaobh susbaint.
  • Dh’fhaodadh gu bheil cinn a dhìth no nach eil leubailean an-còmhnaidh a’ toirt iomradh brìoghmhoir air cuspairean. (SSSE 2.4.6)
  • Dh’fhaodadh nach eil an cànan anns a bheil na sgrìobhainnean a chaidh a luchdachadh a-nìos ri fhaotainn. (SSSE 3.1.1)
  • Dh’fhaodadh gu bheil tiotalan duilleige a dhìth anns na sgrìobhainnean a chaidh a luchdachadh a-nìos (SSSE 2.4.2)

Trioblaidean le ìomhaighean, bhidio agus fuaim

Tha ùrlar ISMT ga chur air bhonn le aire air inbhean so-ruigsinneachd, agus chan eil mòran susbaint eachdraidheil a chaidh fhoillseachadh ro 2019 ri lorg air.

  • Thathas an dùil gum bi fo-thiotalan no tar-sgrìobhadh an cois bhidiothan clàraichte ro-làimh a thèid fhoillseachadh air an ùrlar. Far an tèid tar-sgrìobhaidhean a chaidh a chruthachadh gu fèin-obrachail a chleachdadh, dh’fhaodadh gum bi ath-sgrùdadh a dhìth gus dèanamh cinnteach gu bheil iad ceart, (SSSE 1.2.2), agus gun tèid leasachaidhean sam bith a tha riatanach a dhèanamh.
  • Thathas an dùil gum bi teacsa eadar-roghnach freagarrach an cois ìomhaighean a thèid a chleachdadh ann an susbaint ISMT, far a bheil fiosrachadh an cois na h-ìomhaighe. Tha ìomhaighean sgeadachaidh air an comharrachadh mar sin fhèin, agus cha leig iadsan a leas teacsa eadar-roghnach. (SSSE 1.1.1).
  • Bhidio beò Chan eil ISMT a’ lìbhrigeadh sruthan bhidio beò tro ùrlar Moodle. Tha seiseanan beò air an lìbhrigeadh a’ cleachdadh Microsoft Teams agus, far an tèid clàraidhean fhoillseachadh air Moodle a chum ruigsinneachd as dèidh làimh, thathas an dùil gum bi fo-thiotalan no tar-sgrìobhaidhean nan cois mar phàirt de dh’inbhean susbaint ISMT.

Stiùireadh agus ruigheachd

Tha ùrlar Moodle ISMT a’ cleachdadh tèama Synergy Spark, a chaidh a dheilbh gus stiùireadh so-ruigsinneach agus seasmhach a chomasachadh air feadh an ùrlair. Tha Spark a’ solarachadh dealbh-chruth le structair, pàtranan stiùiridh ro-innseach, agus suidheachadh seasmhach do phrìomh eileamaidean eadar-aghaidh, a’ cuideachadh luchd-cleachdaidh gus an slighe a dhèanamh tro agus eadar chùrsaichean.

Ged a tha an t-ùrlar agus an tèama a’ comasachadh stiùireadh so-ruigsinneach, dh’fhaodadh atharrachaidhean a bhith ann far an dèan ùghdairean susbaint roghainnean a thaobh leasachadh susbaint.

  • Dh’fhaodadh nach eil cinn agus leubailean an-còmhnaidh a’ dèanamh tuairisgeul brìoghmhoir air cuspairean (SSSE 2.4.6)
  • Dh’fhaodadh stiùireadh a bhith eadar-dhealaichte thairis air diofar chùrsaichean (SSSE 3.2.3)

Tha fiosrachadh so-ruigsinneachd co-cheangailte gu sònraichte ri tèama Spark air fhoillseachadh agus air a chumail suas le Synergy Learning, agus faodar a sholarachadh air iarrtas.

Na tha sinn a’ dèanamh gus so-ruigsinneachd a thoirt am feabhas

Thèid cuairt ùrachaidh a dhèanamh air Moodle ISMT Oilthigh Ghlaschu gach bliadhna. Leis gach ùrachadh cumaidh sinn oirnn le bhith a’ luachadh na feartan, na h-amalachasan agus na h-eadar-aghaidhean a th’ ann mar-thà bonntaichte air slat-tomhais soirbheachaidh SSSE 2.2.

Cumaidh sinn oirnn a’ co-obrachadh le Moodle (agus reiceadairean treas pàrtaidh sam bith eile aig a bheil bathar a tha amalaichte le Moodle) agus cuiridh sinn trioblaidean so-ruigsinneachd sam bith a thèid a lorg leinn fan comhair.

Rannsachadh gnìomhach a dhèanamh air teicneòlasan agus siostaman a chuidicheas leis na riatanasan a choileanadh.

Ullachadh na h-aithisg sho-ruigsinneachd seo

Chaidh an aithisg seo ullachadh air 28 Faoilleach 2026. Chaidh a sgrùdadh mu dheireadh air 30 Faoilleach 2026.

Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air Moodle v4.5.7 air adhart agus fhuair e inbhe barrantachaidh Ìre AA SSSE 2.2 air 3 Dàmhair 2025.

Ùrachadh mu dheireadh air an duilleag seo 17 Gearran 2026.