THE HUNTERIAN POEMS

Peploe agus Cadell an Eilean Idhe

Má ro-m-thoiccthi écci i indhĺ,
ba gabál di thrócari.
Nicon fettar fo nimh glas
fóttán bad fherr fri tiugbás.
    (Attributed to Adomnán. C. 700)

Ma thig an t-eug orm an Eilean Ì
b’ e sgaradh trócaireach a bhiodh ann.
Fo néamh gorm chan aithne dhomh
fȯd na b’ fheàrr airson a’ bhàis.

’S ann an cruth is dath a bha iad an sàs
a’ sguabadh gainmhich pinc is liath
mun fhòid a b’ fheàrr le Adhamhnán dhan bhàs.

Ulbhagan nan laighe mar bhèistean air an tràigh,
sliosan na Beinne Mòire air dath nan liag,
’s ann an cruth is dath a bha iad an sàs.

Tha Ì cho beag ma dhireas tu gu h-àrd
’s gum faic thu cearcall thonnan mun cuairt
air an fhòid a b’ fheàrr le Adhamhnán dhan bhàs.

Tilgidh feasgar samhraidh sgàil
thar stùic is sgeilp’ a b’ ùdlaidh shnuadh:
’s ann an cruth is dath a bha iad an sàs.

Laighidh tuar an ròis air stallachan a’ bhàigh
’s èiridh Eileanan Treisinis bhon chuan
mun fhòid a b’ fheàrr le Adhamhnán dhan bhàs.

Bidh an inntinn a’ siubhal thar chriochan a là
’s na h-àirdean gorma a’ triall gu siar
oir’s ann an cruth is dath a bha iad an sàs
mun fhòid a b’ fheàrr le Adhamhnán dhan bhàs.

Meg Bateman