UofG Gàidhlig

Tha Oilthigh Ghlaschu a' comharrachadh Seachdain na Gàidhlig 2026 eadar Diluain 23 Gearran agus Didòmhnaich 1 Màrt!

Thoiribh sùil air na tha dol aig an Oilthigh fad na seachdain, is cuimhnich gu bheil tòrr a bharrachd ann do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig. 

Blasad Gàidhlig do dh'Oileanaich Eadar-nàiseanta 

Dimàirt 24 Gearran, 12:00-13:00, Games Room, Queen Margaret Union 

Thigibh ann gus ionnsachadh mu chànan, cultar is coimhearsnachd na Gàidhlig! Air a thoirt thugaibh ann an com-pàirteachas leis an Sgioba-taice do dh'Oileanaich Eadar-nàiseanta. 

Gaelic Taster Session - Eventbrite 

Ceumannan is Cabadaich 

Diciadain 25 Gearran, 13:30-14:00, coinnichidh sinn taobh a-muigh 1 Gàrraidhean an Oilthigh 

Thigibh còmhla rinn airson cuairt mu thimcheall àrainn Oilthigh Ghlaschu agus gus coinneachadh ri luchd-obrach is oileanaich eile le Gàidhlig no a tha ga h-ionnsachadh. Fàilte air càch! 

Latha nan Lèintean-t 

Diciadain 25 Gearran, fad an latha 

Nach cuir sibh oirbh ur lèine-t no hoodaidh Gàidhlig gus taic a chur dhan Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu? Togaibh dealbh agus dèanaibh tag #UofGGàidhlig air Instagram neo Facebook! 

Tachartasan do dh'Oileanaich 

Bidh An Comunn Oiseanach a' cumail prògram làn de thachartasan do dh'oileanaich fad na seachdain, a' toirt a-steach clas seinn còmhla ri Gillebrìde Mac'IlleMhaoil. Nach toir sibh sùil air na tha dol leibhse air Instagram? 

An Comann Oiseanach | Instagram

Seachdain na Gàidhlig ann an Glaschu 

Thoiribh sùil air làrach-lìn an Lòchrain, ionad Gàidhlig Ghlaschu, gus faighinn a-mach dè eile a tha tachairt ann an Glaschu fad na seachdain. 

An Lòchran | Instagram

Taobh a-muigh Ghlaschu 

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu thachartasan air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh air làrach-lìn Seachdain na Gàidhlig, a' toirt a-steach òraid leis an Ollamh againn fhìn, Roibeard Ó Maolalaigh, mun Ghàidhlig ann an Gall-Ghàidhealaibh! 

Seachdain na Gàidhlig 2026

Galloway Gaelic and Manx Gaelic, similarities and differences, còmhla ri Roibeard Ó Maolalaigh

 

-

 

World Gaelic Week 2026 

The University of Glasgow is celebrating World Gaelic Week 2026 between Monday 23 February and Sunday 1 March! 

Check out what is going on at the University below, and remember that there are loads more events for Gaelic speakers and learners on the World Gaelic Week website. 

International Students Gaelic Taster 

Tuesday 24 February, 12:00-13:00, Games Room, Queen Margaret Union 

Come along to this interactive session to learn about Gaelic language, culture and community! Brought to you in collaboration with the International Student Support Team. 

Gaelic Taster Session - Eventbrite 

Ceumannan is Cabadaich 

Wednesday 25 February, 13:30-14:00, meeting outside 1 University Gardens 

Join us for a wander around University campus and to meet other staff and students who speak or are learning Gaelic. All welcome! 

Gaelic t-Shirt Day  

Wednesday 25 February, all day 

Get your Gaelic t-shirt or hoodie on and show your support for Gaelic at the University of Glasgow! Take a photo and tag #UofGGàidhlig on Instagram or Facebook! 

Events for Students 

An Comunn Oiseanach (The Ossianic Society) will be hosting a programme full of events for students throughout the week, including a singing class with Gillebrìde MacMillan. Why not take a look at what they've got on offer on Instagram. 

An Comann Oiseanach | Instagram 

World Gaelic Week in Glasgow 

Check out what else is happening in the city throughout the week on the World Gaelic Week website. 

World Gaelic Week 2026

Beyond Glasgow 

You will find more information about events across Scotland and beyond on the World Gaelic Week website, including a talk by our own Professor Robby Ó Maolalaigh on Gaelic in Galloway! 

Seachdain na Gàidhlig 2026

Galloway Gaelic and Manx Gaelic, similarities and differences, còmhla ri Roibeard Ó Maolalaigh

 


Ma tha ceistean, molaidhean no beachdan sam bith agaibh mun Ghàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, cuir fios gu Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Isla Parker: Isla.Parker@glasgow.ac.uk

If you have any questions, thoughts or suggestions for Gaelic at the University of Glasgow, please get in touch with Gaelic Development Manager, Isla Parker: Isla.Parker@glasgow.ac.uk

First published: 23 February 2026