Taigh na Gàidhlig

Taigh na Gàidhlig

Chaidh Taigh na Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2009 gus cothrom a thoirt do dh’oileanaich a tha fileanta sa Ghàidhlig, fuireach còmhla air làrach an Oilthighe airson na bliadhna sgoilearaich.

Tha Taigh na Gàidhlig a' toirt cothrom do dh'oileanaich, àrainneachd Ghàidhlig a chruthachadh dhaibh fhèin còmhla ri oileanaich eile is far an urrainn don Ghàidhlig a bhith na pàirt nàdarra ann am beatha laitheil nan oileanach. Tha an sgeama fosgailte do dh'oileanaich sam bith aig Oilthigh Ghlaschu a tha fileanta sa chànain, a dh'aindeoin dè an cuspair a bhios iad a' leughadh. O chionn beagan bhliadhnaichean, tha Oilthigh Ghlaschu air gabhail ri iarrtasan bho oileanaich a tha clàraichte aig oilthighean eile ann an Glaschu cuideachd, cho fad 's a tha iad fileanta sa Ghàidhlig.  

Tha Taigh na Gàidhlig na phàirt cudromach de UofG Gàidhlig, aig Oilthigh Ghlaschu agus chan eil teagamh nach eil an sgeama a’ leasachadh sgilean pearsanta is cosnaidh nan oileanach a tha a’ gabhail com-pàirt. A bharrachd, agus gu cudromach, tha e a’ cur gu mòr rim misneachd sa Ghàidhlig aca fhèin, togail cànain agus pàtrain cleachdaidh san àm ri teachd.

 

The Gaelic Language Residency Scheme (Taigh na Gàidhlig) is a unique opportunity for Gaelic-speaking students to live together for one academic year on or around our campus and to incorporate Gaelic into their daily lives amongst peers. Any Gaelic-speaking student is welcome to apply to participate in the scheme, regardless of their chosen area of study and in recent years, the University of Glasgow has accepted applications from students registered at other HE institutions as long as they are fluent in Glasgow. 

The Scheme is an opportunity for students to use Gaelic in a natural environment out with the academic setting and to contribute to the development of Gaelic at the University of Glasgow and in the wider city. 

 

Ma tha ùidh agaibh pàirt a ghabhail ann an Taigh na Gàidhlig 2019-20, gheibhear foirm-iarrtais agus cùmhnant gu h-àrd le barrachd fiosrachaidh neo faodar sgrìobhadh gu: Fiona.Dunn@glasgow.ac.uk le ceistean sam bith. 

Iarrtasan ro | Application deadline: 10.05.19