Taigh na Gàidhlig
Tha Taigh na Gàidhlig na chothrom air leth do dh’oileanaich a tha fileanta sa Ghàidhlig a bhith a’ fuireach còmhla ann an àrainneachd Ghàidhlig agus a dh’aindeoin cuspairean acadaimigich.
Chaidh Taigh na Gàidhlig a stèidheachadh le Oilthigh Ghlaschu ann an 2009 gus cothrom a thoirt do dh’òigridh barrachd Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh chùrsaichean foirmeil agus ann an suidheachaidhean sòisealta.
Tha barrachd na 40 oileanaich air pàirt a ghabhail san sgeama is iad air tighinn às a h-uile cuspair a’ gabhail a-steach: Lagh, Lèigh-eòlas, Poilitigs, Ceòl, Eaconamas, Nuadh Chànain, Teagasg, Eachdraidh, Litreachas na Beurla, Film is TBh agus Gàidhlig!
Tha an sgeama fosgailte do dh’oileanaich anns a h-uile bliadhna.
BUANNACHDAN
- Cothrom fuireach ann an àirainneachd Ghàidhlig
- Coinnich ri oileanaich a bhios a' leughadh measgachadh de chuspairean agus aig a bheil Gàidhlig
- Taic a dh'ionnsaigh cosgaisean màil (a rèir maoineachaidh)
- Sgilean ionnsachadh anns na meadhanan, iomairtean cànain is tachartasan
Bidh cothrom aig oileanaich obrachadh air tachartas no iomairt Ghàidhlig mar phàirt dhen sgeama.
A BHEIL ÙIDH AGAD ANN?
Faodaidh tu ùidh a chlàradh san sgeama le bhith a' lìonadh an fhoirm-iarrtais gu h-ìosal.
Foirm-iarrtais Taigh na Gàidhlig
Thoir an aire nach eil an t-iarrtas agad a' gealltainn àite dhut air an sgeama. Thathar a' moladh gun cuir thu iarrtas a-steach airson àite-fuirich air làrach an Oilthighe tro UofG Accommodation Services (cho math ris an iarrtas agad airson Taigh na Gàidhlig).
Iarrtas | UofG Accommodation Services
Ma tha ceistean sam bith agad mun sgeama air neo mun fhoirm, nach cuir thu fios gu Isla Parker, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, aig: Isla.Parker@glasgow.ac.uk.
Ma tha thu air tairgse airson àite-fuirich fhaighinn bhon Oilthigh mar-thà, faodaidh tu pàirt a ghabhail san sgeama fhathast le bhith a' cur post-d dha Isla.
-
Gaelic Residency Scheme
Taigh na Gàidhlig is a great opportunity for Gaelic-speaking students to live together in a Gaelic environment regardless of academic subject.
Taigh na Gàidhlig was established in 2009 by the University of Glasgow to give young people an opportunity to use more Gaelic outside of the formal classroom and in social situations.
The scheme is open to students in all subjects and academic years.
BENEFITS
- An opportunity to live in a Gaelic-speaking environment
- Meet other students that are studying a variety of different subjects and who speak Gaelic
- Support towards rent costs (depending on funding)
- Learn media, language development and event skills
Students will have the opportunity to work on a Gaelic event or initiative as part of the scheme.
ARE YOU INTERESTED?
You can register your interest in the scheme by filling in the below application form.
Foirm-iarrtais Taigh na Gàidhlig
Please note that your application does not guarantee you a place on the scheme. It is recommended that you submit an application for University accommodation through the UofG Accommodation Services portal (as well as your application to Taigh na Gàidhlig).
How to Apply | Accommodation Services
If you have any questions about the scheme or form, you can get in touch with Isla Parker, Gaelic Development Manager, on Isla.Parker@glasgow.ac.uk.
If you have already received an offer for accommodation from the University, you can still take part in the scheme by emailing Isla.
Taigh na Gàidhlig - sgeama còmhnaidh a' toirt cothrom do dh'oileanaich a tha fileanta sa Ghàidhlig, fuireach còmhla air làrach an Oilthighe fad bliadhna sgoilearach.
Tha Taigh na Gàidhlig na phàirt cudromach de dh'obair UofG Gàidhlig, is e a' toirt cothrom sònraichte do dh'oileanaich Gàidhlig a chleachdadh gu làitheil agus ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Bidh an sgeama a' cur gu mòr ri misneachd nan oileanach agus na pàtrain cleachdaidh Gàidhlig aca.
Ma tha ceist sam bith agad mun sgeama no ma tha ùidh agad pàirt a ghabhail ann, nach cuir thu fios gu Isla Parker air Isla.Parker@glasgow.ac.uk.
-
Taigh na Gàidhlig - a unique residency scheme which provides Gaelic-speaking students with the opportunity to live in a Gaelic-speaking environment for one academic year.
The Taigh na Gàidhlig scheme plays a pivotal role in the work of UofG Gàidhlig and aims to support students in using Gaelic on a daily basis and in everyday situations including their home life. The scheme contributes greatly to the confidence of young Gaelic-speakers to use the language regularly and helps to develop positive usage patterns which can last a lifetime.
If you have any questions about the scheme or would like to take part, please email Isla Parker on Isla.Parker@glasgow.ac.uk.
YouTube
Listen to the experiences of former Taigh na Gàidhlig residents on our YouTube channel.
Sgeulachdan nan Oileanach | Taigh na Gàidhlig @ 10
Tha sgeama Taigh na Gàidhlig air a ruith le taic bho Bòrd na Gàidhlig.
Taigh na Gàidhlig is supported by Bòrd na Gàidhlig.
