Bruich is Bruidhinn

Published: 9 September 2020

Seisean cocaireachd le Ramsay MacMhathain - deagh bhiadh is deagh chòmhradh beò air Zoom!

BRUICH IS BRUIDHINN LE RAMSAY MACMHATHAIN

Bliadhna rud beag eadar-dhealaichte a bhios ann an 20-21 agus tha sin a' ciallachadh tachartasan eadar-dhealaichte cuideachd. 

  • An do thog sibh ùidh ann an cocaireachd tron glasadh idir? 
  • A bheil sibh a' sireadh reasabaidhean ùr agus beagan brosnachaidh gus dìnnearan snog a dhèanamh, (nuair nach eil airgead agaibh son Dominoes tuilleadh)...? 

Seo agaibh an tachartas ma thà!! Tha Ramsay MacMhathain gu math measail air deagh bhiadh is deagh chòmhradh is e gu bhith sa chidsin aige fhèin agus ag innse mar a nì sibh aon de na dìnnearan as fheàrr leis - uile beò air Zoom! 

  • Nach tig sibh air loidhne agus dèan beagan cocaireachd còmhla ris? 

Airson barrachd fios air na tha dhith agus mar a nì sibh clàradh, faic Eventbrite.

Bruich is Bruidhinn

 


First published: 9 September 2020