1997 Gaelic Reunion

Published: 29 October 2022

The Gaelic Class of 1997 celebrated their 25th anniversary.

The Gaelic Class of 1997 met on Friday 14th October to celebrate their 25th anniversary of graduation.

The class celebrated their reunion at the Ness Walk Hotel in Inverness. The group had such a great night of laughter and reminiscing that they decided to make this a yearly event. 

The group have thanked the University of Glasgow and its Celtic Department for their role in creating bonds between the group when they were students 25 years ago, which have been maintained over the years and are still strong today!

Alumnus Ross Crichton has written a Bardachd about the reunion celebrations which we are delighted to share. 

 

Ceann-latha ar Ceumnachaidh

Air a sgrìobhadh gus comharrachadh an 25mh bliadhna on a cheumnaich sinn le Mgr. Ros.

Tha iomadh bliadhn’ air dol seachad oirnn
On bha sinn còmhla sa bhaile mhòr,
Fad ceithir bliadhna fo stiùir nan ollamh –
A’ leughadh Gàidhlig, ’s i cainnt nan seòid.

B’ ann às gach àite a thàinig sinn,
À baile Ghlaschu, ’s an taobh a tuath,
Às na Hearadh, ’s à eilean Leòdhais,
Uibhist is Barraigh a-muigh sa chuan.

Chaidh iomadh cuspair a theagasg dhuinn
Le rosg is bàrdachd sa phrìomh àit’
Bha Iain Lom ann, ’s MacMhaighstir Alasdair,
Sìleas na Ceapaich ’s na nua-bhàird.

Bu mhòr ar sonas a ghabhail bìdh
Suas aig an union ’s sinn còmhla cruinn;
No muigh aig cèilidh le ceòl is dannsa,
Sa Chomann Oiseanach oidhche haoin’.

B’ ann anns an leabhar-lann a rannsaich sinn
Gach aon le leabhar no dhà na làimh,
A’ sgrìobhadh trachdas air caochladh chuspair,
Siud agaibh ‘Ceiltich an t-siathaimh làir’.

Ach thàinig crìoch air na làithean tlàth
’S bu mhòr ar sunnd nuair a cheumnaich sinn!
Bha an saoghal farsaing a-nis fo’r casan,
Is chuir sinn cùl ris an oilthigh ghrinn.

Ged chaidh ar sgaradh bho chèil’ fad ghreis,
’S bu ghann an cothrom thighinn còmhla cruinn,
Chan eil ar càirdeas air fàs nas laige,
Gun seas ar ceangal gu Latha Luain.

Chaidh dualchas prìseil an earbsa rinn,
Is mòr ar dleasnas a chumail beò;
’S a thoirt don ghinealach ùr ri tighinn,
’S gum mair ar cùltar, ar cainnt, ’s ar ceòl!


First published: 29 October 2022