University news

University of Glasgow Gaelic Logo 700 x 300

Tha Oilthigh Ghlaschu air co-chomhairleachadh poblach fhoillseachadh air an dreachd Plana Gàidhlig 2027-2032, a tha a’ mìneachadh lèirsinn àrd-amasail airson ionnsachadh, teagasg, rannsachadh agus com-pàirt choimhearsnachdan Gàidhlig a neartachadh thar nan còig bliadhna a tha ri teachd.

Tha an co-chomhairleachadh againn a’ sireadh bheachdan bho cho-obraichean, oileanaich agus bhon choimhearsnachd fharsaing, gus dèanamh cinnteach gum bi am plana a’ nochdadh nan rùintean agus nam prìomhachasan acasan a tha a’ com-pàirteachadh ann an Gàidhlig air feadh an Oilthighe agus nas fhaide air falbh.

Mar a bhios sinn a’ comharrachadh an 575mh ceann-bliadhna de ar bun-stèidheachaidh, tha am plana a’ gabhail ris gu bheil Gàidhlig air a bhith na pàirt fad ùine mhòr de ar n-eachdraidh, le triùir aig a’ char as lugha de ar prionnsapalan aig an robh Gàidhlig. Tha e cuideachd a’ comharrachadh gun do chuidich ar n-oileanaich leis a’ Chomunn Oiseanach (the Ossianic Society) a stèidheachadh ann an 1831, an dàrna comunn oileanaich as fhaide a mhaireas ann an Glaschu.

Thuirt Isla Parker, am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu: “Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bheòthail den bheatha aig Oilthigh Ghlaschu, le co-obraichean is oileanaich a’ cleachdadh, ag ionnsachadh agus ag adhartachadh a’ chànain air feadh ar n-àrainn gach latha.

"Tha an dreachd plana seo a’ mìneachadh lèirsinn mhisneachail mu choinneamh an ama ri teachd, agus tha sinn miannach air ar coimhearsnachd agus am poball san fharsaingeachd cuideachadh le a dhealbhadh. Eadar gur e neach-labhairt, neach-ionnsachaidh no neach-taic Gàidhlig a th’ annad, tha do bheachdan cudromach.”  

Thuirt Fiona Quinn, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig (Gaelic Committee) aig Oilthigh Ghlaschu: “Tha leasachadh air a’ Phlana Ghàidhlig ùr againn a’ nochdadh dealas a tha co-roinnte air feadh an Oilthighe air fad. Tron cho-chomhairleachadh seo, tha sinn a’ toirt cuireadh do ar coimhearsnachd agus com-pàirtichean ar cuideachadh le togail air na bun-stèidhean làidir a tha nan àite mar-thà, agus cothroman ùra a chruthachadh don Ghàidhlig gus beatha ar n-Oilthighe, ar baile-mòr agus nas fhaide air falbh, a shaidhbhreachadh.”

Is e seo an ceathramh eagran de phlana Gàidhlig Ghlaschu. On a chaidh a’ chiad Phlana Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2012, tha Oilthigh Ghlaschu air stiùir a ghabhail air leasachadh na Gàidhlig ann an àrd-fhoghlam, a’ stèidheachadh iomairtean, leithid tùs air sgeama còmhnaidheachd Taigh na Gàidhlig, UofG Gàidhlig, agus a’ Bhliadhna Bogaidh Ghàidhlig a tha gun choimeas.

Tha am plana ag ràdh: “Mar Oilthigh a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta le freumhaichean domhainn catharra agus neart sònraichte rannsachaidh is teagaisg ann an Ceiltis is Gàidhlig, is urrainn do agus tha an t-Oilthigh a’ cur gu cudromach ri dìon, cumail suas agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig san dà chuid ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.”

Tha e cuideachd ag ràdh gu bheil an t-Oilthigh air leantainn air adhart a’ lìbhrigeadh rannsachadh aig ìre chruinneil ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh Alba.

Mar a chumas a’ Ghàidhlig oirre a’ sìor-fhàs, mar an ceudna cumaidh na cothroman agus na dùbhlain ris a bheil an cànan a’ cothachadh, tha e ag ràdh. Thaisbean an dàta cunntais-sluaigh as ùire meudachadh mòr anns an àireamh de dhaoine le sgilean Gàidhlig ann an Glaschu, fhad ’s a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ cumail air a’ leudachadh ann am baile-mòr Ghlaschu agus fada seachad air. Aig an aon àm, tha crìonadh leantainneach na Gàidhlig ann am prìomh choimhearsnachdan traidiseanta na Gàidhlig a’ togail gu soilleir air an fheum air taic seasmhach agus tasgadh, gus an cànan a dhèanamh tèarainte mu choinneamh an ama ri teachd.

Thar nan còig bliadhna a tha romhainn, tha am plana a’ gealltainn taic a chumail ri oileanaich agus co-obraichean gus leantainn air adhart a’ cleachdadh Gàidhlig gu làitheil, a’ lìbhrigeadh chothroman ionnsachaidh is teagaisg ùr-ghnàthach ann an Gàidhlig agus mun Ghàidhlig, a’ dèanamh mòr-thaisbeanadh air agus a’ comharrachadh rannsachadh buadhmhor ann an dlùth cho-obrachadh le com-pàirtichean agus buidhnean Gàidhlig air feadh Alba, gus cur gu brìoghmhor ri glèidhteachas agus adhartachadh cànan is cultar na Gàidhlig air feadh an t-saoghail.

Am measg mholaidhean a’ phlana, a tha a’ togail air na trì planaichean roimhe, tha iad a’ gabhail a-steach:  

  • Òraid phoblach bhliadhnail ann an Gàidhlig a chur air bhonn, a bhios a’ mòr-thaisbeanadh rannsachadh Gàidhlig UofG;
  • Cùis a leasachadh airson dreuchd ùr pàirt-ùine Oifigear Leasachaidh Gàidhlig, fosgailte do dh’oileanaich san Oilthigh, gus iomairtean cànain Gàidhlig a leasachadh, a chuideachadh agus adhartachadh aig ìre oileanaich;  
  • Sgeama Taigh na Gàidhlig a leasachadh agus a leudachadh, a’ gabhail a-steach ath-stèidheachadh air ar dàimh le Colaiste Oilthigh Bhaile Átha Cliath, gus prògraman iomlaid cànain is cultair a thairgsinn do ar n-oileanaich;
  • Cùis a leasachadh agus maoineachadh a shireadh airson Neach-ealain Gàidhlig air Mhuinntearas mar phròiseact pìleit aon bhliadhna. Bidh dleastanas air an neach-dreuchd pìos ealain (ceòl, ealain bheantainneach, litreachas no a leithid) a thoirt gu buil, a fhreagras nì co-cheangailte ri Gàidhlig ann an cruinneachaidhean sònraichte.

A thuilleadh air sin, tha am plana a’ coimhead ri uallach airson Gàidhlig anns an Oilthigh a phrìomh-shruthadh agus luchd-obrach is oileanaich a chumhachdachadh gu Gàidhlig a chleachdadh, ionnsachadh agus adhartachadh nan sgiobaidhean fa leth, Colaistean agus nan raointean seirbheis phroifeiseanta, a’ gabhail a-steach tron lìonra ùr coimhearsnachd, Gaisgich na Gàidhlig, agus an leasachadh air goireasan co-cheangailte ri Gàidhlig do luchd-obrach agus oileanaich.

Bidh an co-chomhairleachadh a’ ruith bho Dhiciadain 30 Sultain gu Diciadain 11 Samhain 2026. Gheibh sibh a-steach don cho-chomhairleachadh tro Plana Gàidhlig | Gaelic Language Plan


The University of Glasgow has launched a public consultation on its draft Gaelic Language Plan 2027-2032, setting out an ambitious vision for strengthening Gaelic learning, teaching, research and community engagement over the next five years.

Our consultation is seeking views from colleagues, students and the wider community to ensure the plan reflects the aspirations and priorities of those who engage with Gaelic across the University and beyond.

As we celebrate our 575th anniversary of our foundations, the plan acknowledges that Gaelic has long been a part of our history, with at least three of our principals being Gaelic-speakers. It also notes that our students helped establish An Comunn Oiseanach (the Ossianic Society), in 1831, is the second longest-running student society at Glasgow.

Isla Parker, the Gaelic Development Manager at the University of Glasgow, said: “Gaelic is a vibrant part of life at the University of Glasgow, with colleagues and students using, learning and promoting the language across our campus every day.

“This draft plan sets out an ambitious vision for the future, and we want our community and the wider public to help shape it. Whether you're a speaker, learner or supporter of Gaelic, your views matter.”

Fiona Quinn, Chair of Comataidh na Gàidhlig (Gaelic Committee) at the University of Glasgow, said: “The development of our new Gaelic Language Plan reflects a commitment shared across the whole University. Through this consultation, we are inviting our community and partners to help us build on the strong foundations already in place and create new opportunities for Gaelic to enrich the life of our University, our city and beyond.”

This is the fourth edition of Glasgow’s Gaelic plan. Since launching its first Gaelic Language Plan in 2012, the University of Glasgow has played a leading role in Gaelic development in higher education, establishing initiatives including the pioneering Taigh na Gàidhlig residency scheme, UofG Gàidhlig and the unique Gaelic Immersion Year.

The plan says: “As an internationally recognised University with deep civic roots and a distinct research and teaching strength in Celtic and Gaelic, the University can, and does, make a significant contribution to the protection, maintenance and advancement of Gaelic language and culture both in Scotland and internationally.”

It also adds that the University has also continued to deliver world-leading research in partnership with Gaelic-speaking communities across Scotland.

As Gaelic continues to evolve, so too do the opportunities and challenges facing the language, it says. Recent census data showed a significant increase in the number of people with Gaelic skills in Glasgow, while Gaelic medium education continues to expand in both the city of Glasgow and beyond. At the same time, the continued decline of Gaelic in traditional heartland communities highlights the need for sustained support and investment to secure the language's future.

Over the next five year period, the plan commits to supporting students and colleagues to continue to use Gaelic daily, delivering innovative learning and teaching opportunities in and about Gaelic, showcasing and celebrating impactful research and working in close collaboration with Gaelic partners and organisations across Scotland to contribute to the preservation and promotion of Gaelic language and culture across the world.

Among the plan's recommendations, that builds on the previous three plans includes:

  • Establish a new annual public lecture in Gaelic which showcases UofG’s Gaelic research.
  • Develop a case for a new part-time position of Student Gaelic Development Officer, open to students at the University, to develop, support and promote Gaelic-language initiatives at a student-level. 
  • Develop and expand the Taigh na Gàidhlig scheme, including by re-establishing our relationship with University College Dublin, to offer language and cultural exchange programmes for our students.
  • Develop a case and seek funding for a Gaelic Artist in Residence one-year pilot project. The postholder will be tasked with producing a piece of art (music, physical art, literature or similar) which responds to a Gaelic-related item in special collections.

The plan further seeks to mainstream responsibility for Gaelic within the University and empower staff and students to use, learn and promote Gaelic in their individual teams, Colleges and professional service areas, including through the new community network, Gaisgich na Gàidhlig, and the development of Gaelic-language resources for staff and students.

The consultation runs from Wednesday 30 September to Wednesday 11 November 2026. You can access the consultation here - Plana Gàidhlig | Gaelic Language Plan

First published: 30 September 2026