New website and associated programme to explore the influence of Gaelic on Glasgow

Published: 27 April 2018

A new online resource to raise awareness of the influence of Gaelic on Glasgow has been launched in association by the University of Glasgow

‌Làrach-lìn ùr is program co-cheangailte a’ rannsachadh buaidh na Gàidhlig air Glaschu

A new online resource to raise awareness of the influence of Gaelic on Glasgow has been launched in association by the University of Glasgow

Tha goireas ùr air-loidhne air fhoillseachadh gus mothachadh a thogail do bhuaidh na Gàidhlig air Glaschu.

_____________________________________________________________________________________

glaschu.net is led by Glasgow Life working with the University of Glasgow Celtic & Gaelic department, Watercolour Music and Dr Hugh Dan MacLennan, and supported by Bòrd Na Gàidhlig. The lead designers are Dress for the Weather.

The website aims to highlight, share and explore the cultural, linguistic, historical and contemporary connections that Gaelic has with the city, and is designed to be an ongoing and developing resource.

Councillor David McDonald, Chair of Glasgow Life and Deputy Leader of Glasgow City Council, said: “Gaelic has been at the heart of the history our great city and continues to be a vital element in the dazzling mix of cultures which makes Glasgow so special. This important new online resource will help us celebrate and map the ways in which Gaelic has shaped our contemporary environment, and explore new ways in which this vibrant language can continue to be part of our daily lives and our future ambitions.”

Dr Katherine Forsyth, Director, Arts and Humanities Research Council (AHRC) Centre for Doctoral Training in Celtic Languages, University of Glasgow, said: “Phase 1 of this project provided us with a very special opportunity to work with partners outside academia in a way that was rigorous, creative, and intensely collaborative. It has been an exciting process full of new discoveries and we have learnt greatly from the experience. We are very proud of the final result, the Glaschu website, which is full of high quality content based on cutting-edge research, presented in an accessible and visually appealing format thanks to high quality design. We look forward to continuing to work with Glasgow Life on how best to build on this terrific resource and use it to engage with diverse audiences. “

A range of associated projects and events will be taking place as part of the Merchant City Festival and Festival 2018, the dynamic cultural programme for the Glasgow 2018 European Championships, The Royal National Mod 2019 and beyond.

Glaschu is part of a three year project supported by the creation of a series of new Gaelic destinations based on Gaelic placenames and Songs across the city with new research being added to the site in January 2019. It’s an invaluable resource for school pupils, residents of, and visitors to, Glasgow and is available on personal devices.

During the research for the website, a number of new facts were uncovered, including that according to records from around 1180 Glasgow’s earliest recorded family were Gaelic speakers, and that in 1835 around 10 per cent of the population in Glasgow were Gaelic speakers.

Forthcoming associated activity includes two free to attend engagements events at Kelvin Hall on Thursday 17 and 24 May for anyone who is interest in cultural objects, stories and making things connected to Gaelic culture in Glasgow.

Information discovered during website research 

Glasgow’s earliest recorded family were Gaelic-speakers: a royal document from around the year 1180 mentions the children and dependants of Gillemachoi (in modern Gaelic: GilleMoChotha, meaning ‘servant or devotee of St Mungo’). Gillemachoi and his family were bound to the land of Kinclaith, the old name for the area around Glasgow Green. They may have been contemporaries of another Gaelic-speaker, ‘the daughter of Seadna’ commemorated in the earliest form of the name ‘Shettleston’.

Church records of 1717 and 1723 note that there were ‘considerable numbers’ of Gaelic speakers in Glasgow, including some who did not speak English and required a Gaelic-speaking minister. In 1835 there were then 25,000 (about 10% of the population) Gaelic-speakers in the city, including a great many who had been born in Glasgow.”

Around 100 place-names of Gaelic origin within the city demonstrate that Gaelic was the predominant community language in the area for several centuries from around the 11th/12th century; for example: Achadh an t-Seagail (Auchenshuggle) 'rye-farm'; Blàr Lèanach (Barlinnie) 'marshy plain'; Coitcheann (Cathkin) 'common grazing'; Dail Meàrnaig (Dalmarnock) ‘St Ernéne’s water-meadow’; Gart an Abhaill (Gartnavel) 'apple-tree farm'.

 

View over University Aerial 700 x 300 

Làrach-lìn ùr is program co-cheangailte a’ rannsachadh buaidh na Gàidhlig air Glaschu

Tha goireas ùr air-loidhne air fhoillseachadh gus mothachadh a thogail do bhuaidh na Gàidhlig air Glaschu.

Tha glaschu.net  air a stiùireadh le Glaschu Beò, ag obair còmhla ri Roinn na Ceiltis agus Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus Watercolour Music agus an Dr Ùistean MacIllinnein, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Is iad Dress for the Weather na prìomh dhealbhaichean.

Tha an làrach-lìn ag amas air na ceanglaichean cultarach, cànanach, eachdraidheil is co-aimsireil a tha aig a’ Ghàidhlig leis a bhaile a thogail, a roinn agus a rannsachadh, agus tha an làrach-lìn air a deilbh gu bhith na goireas leantainneach agus leasachail.

Thuirt an Comhairliche Daibhidh Dòmhnallach, Cathraiche Ghlaschu Beò agus Iar-Stiùiriche Comhairle Baile Ghlaschu: “Tha Gàidhlig air a bhith aig cridhe eachdraidh ar baile mòr agus tha i a’ leantainn air adhart na h-eileamaid dheatamaich anns an eadar-mheasgachadh de chultaran a tha a’ dèanamh Glaschu cho sònraichte.  Bidh an goireas cudromach seo air-loidhne gar cuideachadh a’ comharrachadh agus a’ mapadh nan dòighean a tha Gàidhlig air cumadh a thoirt air ar n-àrainneachd cho-aimsireil, agus a’ rannsachadh dhòighean ùra sam faod an cànan beòthail seo leantainn air adhart gu bhith na pàirt de ar beatha làitheil agus ar miannan don àm ri teachd.”

Thuirt an Dr Katherine Forsyth, Stiùiriche, Ionad Comhairle Rannsachaidh Ealain is Daonnachdan (AHRC) do Thrèanadh Ollamhach ann an Cànanan Ceilteach, Oilthigh Ghlaschu: “Thug Ìre 1 den phròiseact seo cothrom sònraichte dhuinn a bhith ag obair le com-pàirtichean bho thaobh a-muigh an t-saoghail acadaimigich ann an dòigh a bha dian, cruthachail agus gu h-àraidh co-obrachail. Is e pròiseas brosnachail a bh’ ann làn de lorgan ùra agus tha sinn air ionnsachadh gu mòr bhon eòlas seo. Tha sinn glè mhoiteil às an toradh dheireannach, làrach-lìn Ghlaschu, a tha làn de shusbaint àrd-chàileachdail stèidhichte air rannsachadh ùr-ghnàthach air a thaisbeanadh ann an cruth ruigsinneach is tarraingeach don t-sùil, mar thoradh air deilbh àrd-bhrìgheil. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri leantainn leis an obair còmhla ri Glaschu Beò a thaobh na slighe as fheàrr air togail air a’ ghoireas mhìorbhaileach seo, agus a cleachdadh airson conaltradh ri luchd-amhairc eadar-mheasgte.

Bidh raon de phròiseactan is de thachartasan co-cheangailte a’ gabhail àite mar phàirt de Fhèis Bhaile nam Marsantach agus Fèis 2018, am program cultarach daineamach airson  Farpaisean Eòrpach Ghlaschu 2018, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019 agus às a dhèidh.

Tha Glaschu na phàirt de phròiseact trì bliadhna aig a bheil taic bho chruthachadh air sreath de chinn-uidhe ùra Gàidhlig stèidhichte air ainmean-àite agus òrain Ghàidhlig air feadh a’ bhaile, le rannsachadh ùr ga chur ris an làraich san Fhaoilleach 2019.  Is e goireas thar luach a th’ anns an làraich do sgoilearan, luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail air Glaschu, agus gheibhear i air innealan pearsanta. 

Rè an rannsachaidh airson na làraich-lìn, chaidh àireamh de phìosan fiosrachaidh a lorg, a’ gabhail a-steach gun robh Gàidhlig aig na ciad teaghlaichean clàraichte ann an Glaschu a rèir chlàran bho mu 1180, agus gun robh Gàidhlig aig timcheall air deich sa cheud den àireamh-sluaigh ann an Glaschu ann an 1835.

Am measg nan gnìomhachdan ri thighinn, tha dà thachartas a tha an-asgaidh am frithealadh ann an Talla Cheilbhinn air Diardaoin 17 agus 24 Cèitean do neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cuspairean is sgeulachdan cultarach agus ann an dèanamh nithean co-cheangailte ri cultar na Gàidhlig ann an Glaschu.

Fiosrachadh a lorgadh ann an rannsachadh na làraich-lìn 

Bha Gàidhlig aig na teaghlaichean ann an Glaschu a bu thràithe chaidh a chlàradh: tha sgrìobhainn rìoghail bho mu 1180 a’ toirt iomradh air clann agus eisimeilich Ghillemachoi (ann an Gàidhlig an latha an-diugh: GilleMoChotha, a’ ciallachadh ‘searbhant no cràbhaiche an Naoimh Mungo’).  Bha Gillemachoi agus a theaghlach ceangailte ri fearann Cheann Claith, an seann ainm airson na sgìre mu thimcheall Glasach Ghlaschu. Dh’fhaodadh gur e co-aoisich a bh’ annta de neach-labhairt Gàidhlig eile, ‘nighean Sheadna’, air a cuimhneachadh sa chruth as tràithe den ainm ‘Shettleston’.

Tha clàran eaglais bho 1717 agus 1723 a’ nochdadh gun robh ‘àireamhan brìoghmhor’ de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Glaschu, a’ gabhail a-steach cuid aig nach robh Beurla agus air an robh feum air ministear le Gàidhlig. Ann an 1835, bha an uair sin 25,000 (mu 10% den àireamh-sluaigh) neach-labhairt Gàidhlig sa bhaile, a’ gabhail a-steach mòran dhiubh a rugadh ann an Glaschu.

Tha mu 100 ainm-àite le tùs Gàidhlig taobh a-staigh a’ bhaile a’ taisbeanadh gum b’ e Gàidhlig an cànan coimhearsnachd a bu làidire san sgìre airson grunn linntean bhon 11mh/12mh linn; mar eisimpleir: Achadh an t-Seagail (Auchenshuggle) 'tuathanas seagail'; Blàr Lèanach (Barlinnie) 'boglach'; Coitcheann (Cathkin) 'fearann coitcheann'; Dail Mheàrnaig (Dalmarnock) ‘faiche-uisge an Naoimh Ernoc’; Gart nan Abhall (Gartnavel) 'tuathanas chraobhan ubhail’.

 


Forthcoming Engagement events/Tachartasan ri Thighinn

Thursday 17 May 2018 / 2-4pm - A Mapadh Gàidhlig ann a Glaschu / Mapping Gaelic in Glasgow

Thursday 24th May / 2-4pm - Neach-Dèanaimh/ For Makers & Visual Artist

The events are held at Kelvin Hall, 1445 Argyle Street, Glasgow

They are free and drop in. Please register your interest at GlasgowArtsRSVP@glasgowlife.org.uk

 

Diardaoin 17Cèitean / 2-4f  - A’ Mapadh Gàidhlig ann an Glaschu

Diardaoin 24 Cèitean / 2-4f – Do Luchd-dèanamh is Luchd-ealain Lèirsinneach

Talla Cheilbhinn, 1445 Sràid Earra-Ghàidheal, Glaschu

Tha na tachartasan an-asgaidh agus faodar tadhal a-staigh.  Feuch gun clàr sibh ur n-ùidh aig GlasgowArtsRSVP@glasgowlife.org.uk

 

 

 

First published: 27 April 2018

<< April