Duncan and Morag Maclean studentship in Celtic Studies 2023-24

Published: 22 March 2023

For 2023/24 taught or research postgraduate students in need of financial support in respect of living expenses and / or fees.

Tha Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig / Celtic and Gaelic ann an Oilthigh Ghlaschu air dìleab fhaotainn bhon Bh-uas Anna Fhionnlastan nach maireann, nighean do dh’aon de cheumnaichean Ghlaschu, a’ Bh-ph Mòrag NicIlleathain (Nic an Fhleistear bho thùs) a cheumnaich le MA ann an 1928. Tha an dìleab a dh’fhàg a’ Bh-uas NicIlleathain mar chuimhneachan air a pàrantan, ga cleachdadh airson oileanachd iar-cheumnach ann an Ceiltis is Gàidhlig a mhaoineachadh, a tha air a h-ainmeachadh ‘Oileanachd Dhonnchaidh is Mòrag MhicIlleathain’.

Bha pàrantan Anna às na h-Eileanan Siar. Bha a h-athair Donnchadh, à Mhuile bho dhùthchas agus lean e ann an ceumannan athar a’ coileanadh dreuchd-beatha aig muir; leig e dheth a dhreuchd mar mhaighistir-doca ann an Hartlepool ann an 1962. Bha a màthair, Mòrag, a b’ òige de naoinear chloinne, na tidsear a bha às an Eilean Sgìtheanach bho thùs.

Bha a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan - na daoine, cànan, litreachas, cultar, eachdraidh, ealain is ceòl gun choimeas - glè dhlùth do chridhe Anna agus a pàrantan Mòrag is Donnchadh, agus is ann tro am fialaidheachd agus an dòchasan airson foghlam adhartach cheumnaichean a chaidh an dìleab seo fhàgail.

Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig / Celtic and Gaelic at the University of Glasgow is the recipient of a legacy from the late Miss Anne Finlayson MacLean, daughter of one of Glasgow’s graduates, Mrs Marion (Morag) MacLean (nee Fletcher), who graduated MA in 1928. The legacy left by Miss MacLean in memory of her parents is used to fund a postgraduate studentship in Celtic and Gaelic Studies, which has been named ‘The Duncan and Morag MacLean Studentship’.

Anne’s parents were from the Hebrides. Her father, Duncan, was originally from Mull and followed in his father's footsteps pursuing a career at sea; he retired as a dockmaster in Hartlepool in 1962. Her mother, Morag, the youngest of nine children, was a teacher who originated from Skye.

The Highlands and Islands — their unique people, language, literature, culture, history, art and music — were dear to the hearts of Anne and her parents Morag and Duncan, and it is through their generosity and hopes for the further education of graduates that this bequest has been made.

Deadline for applications: 4 August 2023

Duncan and Morag MacLean Studentship for 2023-24 - further particulars


First published: 22 March 2023

<< News