Manaidsear Lìbhrigidh
(Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg)
Adhbhar na Dreuchd
’S ann air a’ Mhanaidsear Lìbhrigidh a bhios uallach stiùireadh, co-òrdanachadh agus dearbhadh lìbhrigeadh prògram obrach an Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg. Nì iad cinnteach gun cùm na fo-ionadan rannsachaidh, na gnìomhachdan ionnsachadh proifeiseanta, agus na ceangalan ri luchd-dreuchdail ris a’ chlàr-ama, gum bi iad rianail agus gum bi iad a’ gabhail ri poileasaidhean ro-innleachdail an Ionaid.
Ag obair gu dlùth còmhla ri Ceannardan Fo-Ionaid ISMT agus Manaidsear(an) Ionaid, cuiridh am Manaidsear Lìbhrigidh taic ris na Fo-ionadan gus dearbhadh gun tèid gnìomhachd nan Ionad a lìbhrigeadh a-rèir sealladh agus amasan ISMT, cumaidh iad stiùir air leasachadh thar Fo-ionadan agus thar iomairtean, agus cuidichidh iad ann an cunbhalachd, càileachd agus buaidh a dhearbhadh thairis air na tha an t-Ionad a’ tabhann aig ìre nàiseanta.
Tha an dreuchd seo a’ neartachadh comas an Ionaid a chuid amasan a lìbhrigeadh aig ìre fharsaing aig an aon àm ri beachdan luchd-dreuchdail, iomlanachd rannsachaidh agus so-fhreagrachd air prìomhachasan nàiseanta a ghlèidheil.
Thoir an aire gu bheil dreuchd a’ Mhanaidsear Lìbhrigidh Làn-ùine (1.0 FTE). Mus cur thu a-steach Fios mu Ùidh (EoI), dèan cinnteach gu bheil thu air cead fhaighinn bhon ùghdarras ionadail agus bhon sgoil agad gus an fho-fhastadh agad a leudachadh gu dreuchd làn-ùine.
Àite taobh a-staigh ISMT
Tha an dreuchd seo aig an eadar-aghaidh eadar ro-innleachd agus lìbhrigeadh, le ceangalan làidir, còmhnard thairis air siostam ISMT:
- Ag obair ri taobh Co-òrdanaiche Chompàirteachaidhean agus Cho-obrachaidhean ISMT gus ceangalan ri tidsearan agus prìomh luchd-ùidhe eile aig ìre nàiseanta, ùghdarrasan ionadail, buidhnean agus comainn nam measg, a cho-rèiteachadh.
- Ag obair ri taobh (chan ann an àite) Manaidsearan Ionaid.
- A’ cur taic ri agus a’ co-òrdanachadh Fo-ionadan Rannsachaidh ISMT agus Tidsearan Fo-fhastaidh.
- A’ co-cheangal ri co-obrachaidhean anns an sgioba Rannsachaidh agus Luachaidh agus an sgioba Obrachaidh
- Mar cheangal le fòcas air lìbhrigeadh thar chompàirteachaidhean agus àiteachan.
Prìomh Dhleastanasan
- Foir-shealladh agus Co-òrdanachadh air Lìbhrigeadh
- Foir-shealladh a chumail air prògraman, fo-ionadan agus sruthan obrach ISMT, a’ dèanamh cinnteach gu bheil an obair a’ dol air adhart mar a bu chòir agus gu bheil i a’ gabhail ri prìomhachasan aontaichte.
- Taic a thoirt do ghnìomhachd thar Fo-ionadan Rannsachaidh ISMT a cho-òrdanachadh gus rianachd, co-phàirteachd agus cunbhalachd nàiseanta a dhearbhadh.
- Cuideachadh le cunnartan lìbhrigidh, teannachaidhean no eisimeileachdan an aithneachadh, agus taic a chur ri ceistean fhuasgladh ann an deagh àm còmhla ris na co-obrachaidhean iomchaidh.
- Lorg a chumail air clachan-mìle, toraidhean agus raointean-ama thar fo-ionadan agus thar iomairtean.
- Ag Obair Còmhla ri Stiùirichean agus Manaidsear(an) Fo-ionaid
- Ag obair gu dlùth còmhla ri Sgioba Stiùiridh an Ionaid gus prìomhachasan ro-innleachdail a thionndadh gu planaichean rin lìbhrigeadh.
- Fiosrachadh a sholarachadh gu cunbhalach a thaobh mar a tha an lìbhrigeadh a’ dol air adhart, trioblaidean a tha a’ nochdadh agus raointean ris am feum an luchd-stiùiridh dèiligeadh.
- Taic a thoirt do Mhanaidsearan Ionaid tro shealladh thar-ionaid air lìbhrigeadh a thoirt dhaibh, a’ cuideachadh gus teannachaidhean obrachaidh agus dùmhlachdan a lùghdachadh.
- A’ Cur Taic ri Fo-ionadan Rannsachaidh ISMT
- A bhith mar phrìomh neach conaltraidh eadar fo-ionadan agus structaran stiùiridh agus rianachd an Ionaid.
- Taic a thoirt dha fo-ionadan gus:
- Gabhail ri amas iomlan agus dòigh-obrach bonntaichte air rannsachadh an Ionaid
- Ionnsachadh, goireasan agus dòighean obrach a tha a’ tighinn am bàrr a cho-roinn thar ionadan
- Rianachd a bhrosnachadh ann an toraidhean leithid geàrr-fhiosrachaidhean a thaobh rannsachadh agus cleachdadh, Coimhearsnachdan Cleachdaidh agus Com-pàirteachasan Chleachdaidhean-rannsachaidh.
- Ag Obair Còmhla ri Tidsearan Fo-fhastaidh
- Thoir taic do Thidsearan Fo-fhastaidh fhad ’s a bhios iad a’ dol an sàs ann an gnìomhachdan lìbhrigidh air feadh roinnean agus ùghdarrasan ionadail.
- Cuidich le dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachd TF:
- Fhathast so-riaghladh, purpasach agus a’ gabhail ri priòmhachasan an Ionaid
- A’ ceangal ann an dòigh èifeachdach ri gnìomhachd agus ionnsachadh proifeiseanta aig ìre nàiseanta
- Cuir ri tuigse choitcheann a thogail a thaobh dùilean, dreuchdan agus dòighean obrach thairis air lìonra nan TF.
- Barantachd Càileachd agus Leasachadh
- Cuir ri slatan-tomhais agus dùilean seasmhach a thaobh lìbhrigeadh thairis air an Ionad a leabachadh.
- A bhith ag obair còmhla ris an Sgioba Rannsachaidh agus Luachaidh gus:
- Dèanamh cinnteach gu bheil dàta luachaidh agus ais-mholaidh air a chruinneachadh an deagh àm
- Fianais a chleachdadh gus beachdachadh air na tha ag obrachadh mar bu chòir agus far a bheil leasachadh a dhìth
- Taic a chur ri cultar de leasachadh a tha meòrachail agus bonntaichte air rannsachadh thar ghnìomhachd ISMT.
- Conaltradh agus Co-obrachadh
- Conaltradh èifeachdach eadar fo-ionadan, luchd-stiùiridh, luchd-rannsachaidh agus sgiobaidhean obrachaidh a dhèanamh nas fhasa.
- Taic a thoirt do phlanadh tàthte co-cheangailte ri tachartasan, toraidhean agus compàirteachaidhean nàiseanta.
- Cuideachadh le dèanamh cinnteach gu bheil dreuchdan, dleastanasan agus raointean-ama soilleir thairis air obair cho-obrachail thoinnte.
Sònrachadh Pearsanta (Cunntas)
Deatamach
- Eòlas air a bhith a’ stiùireadh no a’ co-òrdanachadh gnìomhachd thoinnte a thaobh foghlam no ionnsachadh proifeiseanta, nas fheàrr buileach nam biodh seo thairis air iomadach làrach no iomadach compàirtiche.
- Deagh thuigse air siostam foghlaim na h-Alba, a’ gabhail a-steach ùghdarrasan ionadail agus prìomhachasan nàiseanta.
- Creideas am measg thidsearan agus luchd-dreuchdail agus am measg cheannardan; comasach air a bhith ag obair ann an dòigh modhail còmhla ri raon farsaing de bhuidhnean agus de chomainn phroifeiseanta.
- Deagh sgilean conaltraidh agus rianachd.
- Comas a bhith a’ co-obrachadh, a bhith taiceil do chàich, agus a bhith a’ toirt buaidh às aonais uallach foirmeil sreath-stiùiriche.
Na Bhuannachd
- Eòlas air a bhith ag obair ann an àrainneachd de leasachadh a tha bonntaichte air rannsachadh no stèidhichte air fianais, gu h-àraidh a thaobh a bhith a’ cur taic ri agus a’ stiùireadh obair fheòrachail dhaoine eile.
- A bhith eòlach air dòighean lìbhrigidh prògraim no pròiseict ann am foghlam.
Prìomh Cho-cheangalan
- Sgioba Stiùiridh an Ionaid
- Manaidsearan Ionaid
- Sgioba Rannsachaidh agus Luachaidh ISMT
- Ceannardan Fo-ionaid Rannsachaidh ISMT agus compàirtichean
- Tidsearan Fo-fhastaidh
- Co-obraichean Rianachd agus Taic Obrachail
Tomhasan Soirbheachaidh (Foillseachail)
- Gu bheil prògraman ISMT agus gnìomhachd nam fo-ionad air an lìbhrigeadh an deagh àm agus gu bheil iad gu soilleir a’ gabhail ris na h-amasan ro-innleachdail.
- Gu bheil rianachd agus conaltradh nas fheàrr thairis air fo-ionadan, TF agus Sgiobaidhean Ionaid.
- Gu bheil dùbhlain lìbhrigidh air an aithneachadh agus air an rèiteachadh an deagh àm.
- Gu bheil ais-mholadh taiceil a’ tighinn bho Mhanaidsearan Ionaid, Ceannardan Fo-ionaid agus Tidsearan Fo-fhastaidh a thaobh soillearachd, co-òrdanachadh agus taic.