Cothroman Fo-fhastaidh do Thidsearan
Chaidh Ionad ùr Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) na h-Alba a chur air bhonn gus taic a thoirt do thidsearan, tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, na cleachdaidhean aca a stiùireadh agus a leasachadh tro bhith a’ togail air rannsachadh agus fianais agus a leithid a ghabhail os làimh. Tha fiosrachadh a bharrachd mun Ionad, a’ gabhail a-steach amasan agus a dhòighean obrach, ri lorg air làrach-lìn an Ionaid. Tha sinn a’ sireadh thidsearan eòlach a thèid an dreuchd ann an obraichean fo-fhastaidh pàirt-ùine gus prìomhachasan rannsachaidh an Ionaid a thoirt air adhart.
Tha Cothroman fo-fhastaidh de suas gu 0.4FTE rim faotainn le tidsearan ar feadh Alba gus gnìomhachdan an Ionaid a cho-òrdanachadh agus a stiùireadh tro shreath de sheiseanan air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh ann am fo-ionadan roinneil, far am faod tidsearan a thighinn còmhla gus a dhol an sàs ann an rannsachadh agus feòrachadh le fòcas air eòlas-teagaisg agus cleachdaidhean clas, a leithid a chruthachadh agus a sgaoileadh [1].
Leigidh na buidhnean tidsear-rannsaiche seo le tidsearan agus an co-obraichean ann an oilthighean agus ann an sgoiltean aig a bheil ùidh anns na h-aon rudan, a bhith a’ co-obrachadh gus taic a chur ri dealbhachadh rannsachaidh agus builean rannsachaidh a sgaoileadh tro, mar eisimpleir, com-pàirteachaidhean cleachdaidhean rannsachaidh agus coimhearsnachdan feòrachd.
Thèid na tagraichean a shoirbhicheas am fo-fhastadh bho na dreuchdan teagaisg a th’ aca an dràsta gus tighinn a-steach don sgioba againn, le taic ga thoirt do na dreuchdan tro mhaoineachadh bhon riaghaltas, agus air a dhèanamh comasach tro aonta le ùghdarrasan ionadail/ fastaichean. A bharrachd air a bhith a’ cur ri leasachadh proifeiseanta, tha seo na chothrom gus dreuchd deatamach a ghabhail ann an taic a chur ri adhartachadh co-inbhich, agus tron sin a bhith a’ cur gu ìre nach beag ri coimhearsnachd an fhoghlaim san fharsaingeachd.
Bidh tidsearan a thèid am fo-fhastadh air cunnradh sealach chun Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg fhathast air am fastadh leis a’ phrìomh fhastaiche aca. Bidh na tagraichean a shoirbhicheas ag obair don Ionad an dàrna cuid là no dà là san t-seachdain (a-rèir an aonta), a’ tilleadh chun phrìomh obair aca air na h-uairean obrach a bh’ aca roimhe aig deireadh ùine aontaiche an fho-fhastaidh. Thoir an aire nach e dreuchdan a bharrachd no dreuchdan fa leth a th’ anns na fo-fhastaidhean. Tha uairean obrach (FTE) an fho-fhastaidh a’ tighinn a-mach à uairean obrach dreuchd àbhaisteach an tagraiche.
Bidh na fo-fhastaidhean an gnìomh bho Lùnastal 2026 – 31 Màrt 2027.
Tha sia Fo-ionadan rannsachaidh aig an Ionad:
- Foghlam Dhùthchail agus Ionnsachadh chum Seasmhachd
- Foghlam na Gàidhlig
- Rannsachadh le Fòcas air Teagasg
- Eòlas-teagaisg a chuireas taic ri buileachadh ann an seòmraichean clas eadar-mheasgte
- Ùr-ghnàthachadh ann an Eòlas-teagaisg gus Cleachdaidhean Clas a Thoirt am Feabhas
- Foghlam Dhidseatach agus Tuigse Innealta (AI) ann an Leasachadh Eòlas-teagaisg
Tha sinn a’ cur fàilte air luchd-tagraidh bho air feadh na h-Alba aig a bheil raon farsaing de dh’ùidhean agus de eòlas.
Cur an Dreuchd
Thèid fo-fhastaichean a chur an dreuchd sa mhòr-ionad as fheàrr a fhreagras air an cuid eòlais agus fiosrachaidh agus, ged a bhios iad ceangailte ri fo-ionad sònraichte, faodaidh iad a’ bhith ag obair bhon fho-ionad as fhaisge air an àite-obrach aca fhèin, agus/no air-loidhne. Ma dh’fheumas iad a bhith an làthair aig coinneamhan no tachartasan cudromach, thèid seo innse dhaibh ro-làimh.
Làimhseachadh iarrtasan
’S ann le litir-chòmhdachaidh agus Eachdraidh Beatha (CV) a bu chòir iarrtas a chur a-steach. Bu chòir don litir-chòmhdachaidh:
- measadh a dhèanamh air na slatan-tomhais deatamach agus freagarrachd an neach-tagraidh airson na dreuchd;
- dearbhadh gu bheil Ceannard Sgoile an neach-tagraidh a’ toirt taic don iarrtas.
Thoir an aire gum feum thu fianais sgrìobhte a thabhann a dhearbhas gum biodh taic an ùghdarrais ionadail/ an fhastaiche agad nan soirbhicheadh leat; mar sin, thathas a’ moladh gum bi luchd tagraidh a co-obrachadh leis na h-oifigearan iomchaidh tron phròiseas iarrtais.
Thathas a’ moladh gun comharraich luchd-tagraidh far a bheil na cuspairean anns a bheil ùidh aca a thaobh ionnsachadh proifeiseanta a’ freagairt air na fo-ionadan rannsachaidh cuspaireil air an tugadh iomradh gu h-àrd.
Thèid iarraidh air luchd-tagraidh air an liosta thaghte a thighinn gu agallamh le panail air am bi buill de sgioba ISMT agus riochdairean bho Bhòrd Comhairleachaidh an Ionaid airson Sàr-mhathais ann an Teagasg, ma bhios iadsan saor.
Cuir an cunntas-beatha agad agus litir-chòmhdachaidh gu: cfte@glasgow.ac.uk
Comasan agus Eòlas Deatamach
- Trì bliadhnaichean air a’ char as lugha de theagasg làn-thìde, às dèidh bliadhna probhaidh (no co-ionann), agus/ no eòlas leantainneach air a bhith os cionn/a’ cur taic ri feòrachadh dhaoine eile.
- Eachdraidh dhearbhte de dhol an sàs nad ionnsachadh proifeiseanta fhèin a thaobh rannsachadh/feòrachd.
- Fianais chlàraichte air ionnsachadh proifeiseanta fad-dreuchd.
- Eòlas air a bhith os cionn/a’ stiùireadh thidsearan eile tro ghnìomhachdan leudaichte ionnsachadh proifeiseanta.
- Sgilean eadar-phearsanta agus sgilean conaltraidh air leth, agus comasach air fiosrachadh a thaisbeanadh gu raon de luchd-ùidhe.
Feumalachdan na Dreuchd
- A’ bhith a’ toirt Rannsachadh agus Cleachdadh ri chèile.
- A bhith mar cheangal eadar sgoiltean agus an Ionad, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iomairtean ionnsachadh proifeiseanta da-rìreabh buntainneach agus practaigeach do thidsearan ann an seòmraichean-clas.
- A bhith a’ cuideachadh le ro-innleachdan so-ghnìomhach as urrainn a bhuileachadh ann an suidheachaidhean sgoile eadar-mheasgte ullachadh ri linn toraidhean rannsachaidh.
- A bhith a’ cur taic ri iomairtean ionnsachadh proifeiseanta.
- A bhith a’ cur ri leasachadh agus lìbhrigeadh fo-ionadan roinneil agus cothroman air-loidhne air ionnsachadh proifeiseanta, mar a chaidh a mhìneachadh ann am modal ISMT.
- A bhith a’ cur coimhearsnachdan cleachdaidh an comas tro bhith a’ stiùireadh thidsearan gus a dhol an sàs ann am feòrachd neach-dreuchdail, rannsachadh dèanadach agus seiseanan leasachadh proifeiseanta.
- A bhith a’ cuideachadh le gnìomhachdan air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh a dheilbh a tha a’ freagairt air feumalachdan tidsearan agus prìomhachasan an t-siostaim.
- A bhith a’ cur ri stuthan agus goireasan ionnsachadh proifeiseanta a leasachadh.
- A bhith a’ cruinneachadh agus a’ sgaoileadh fianais.
- A bhith a’ cur ri agus a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh air teagasg, ionnsachadh agus measadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo a’ riochdachadh cleachdaidhean clas ann an da-rìreabh.
- A bhith a’ cur taic ri aithisgean co-chur a chruthachadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad so-ruigsinneach agus a’ freagairt air àrainneachdan sgoile eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha.
- A bhith a’ cuideachadh le geàrr-fhiosrachaidhean fianais, susbaint didseatach agus eadar-obair air na meadhanan sòisealta a chruthachadh gus geur-bheachdan a chom-pàirteachadh le tidsearan air feadh na dùthcha.
A’ Neartachadh Chompàirteachaidhean
- A bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail, sgoiltean agus oilthighean gus dèanamh cinnteach gu bheil obair ISMT fighte a-steach ann an siostam foghlam na h-Alba.
- A bhith a’ cur an comas co-obrachadh eadar tidsearan agus luchd-rannsachaidh a chuireas taic ri fiosrachadh ionnsachadh proifeasanta a chaidh a chruthachadh còmhla.
- A bhith a’ cruthachadh lìonraidhean thar agus eadar earrannan foghlaim ann an Alba gus cultar de theagasg a tha bonntaichte air rannsachadh agus feòrachadh a chur an sàs.
A’ Brosnachadh Cothromas agus In-ghabhail
- A bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh proifeiseanta a’ freagairt air feumalachdan coimhearsnachdan eadar-dhealaichte, gu h-àraidh ann an suidheachaidhean dùthchail agus suidheachaidhean Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
- A bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile tidsear, gu h-àraidh iadsan a bhuineas do bhuidhnean a tha an dràsta às aonais riochdachadh iomchaidh, am fàilteachadh, agus gum faigh iad èisteachd ann an leasachadh nam fo-ionad.
- A bhith a’ cuideachadh le cleachdaidhean in-ghabhalach a dheilbh tro bhith a’ tarraing air am fiosrachadh fhèin ann an àrainneachdan foghlaim eadar-mheasgte.
[1] Far nach eil fo-fhastadh 0.4 FTE ion-dhèanta, thèid beachdachadh air cur an dreuchd stèidhichte air uas-mheud aontaichte de làithean. Bu chòir seo a mhìneachadh anns an litir-chòmhdachaidh.