CfTE champion
Gaisgich ISMT: Compàirteachadh le Sgoiltean agus Ùghdarrasan Ionadail
Tha an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) a’ toirt cuireadh do sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail a bhith ag obair còmhla ruinn nan Gaisgich ISMT. Bhiodh iad seo mar phrìomh cho-cheangal a’ cur taic ri dol an sàs ann an obair an Ionaid. Bidh àite cudromach aig Gaisgich ISMT ann a bhith a’ neartachadh cheangalan eadar ISMT, sgoiltean, agus ùghdarrasan ionadail, a’ cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil obair an Ionaid so-fhreagrach, buntainneach agus bonntaichte air cleachdadh.
Mu Dheidhinn na Dreuchd
Gu h-àbhaisteach, ’s e co-obraiche a tha ann an sgoil no ùghdarras ionadail a bhios ann an Gaisgeach ISMT, leis gum bi iad sin freagarrach mar cho-cheangal ionadail a thaobh obair ISMT. Bi Gaisgich a’ cur taic ri fiosrachadh a sgaoileadh, ceangalan a chruthachadh agus cuidichidh iad le obair ISMT a leabachadh san àrainneachd aca fhèin.
Chan e dreuchd fhoirmeil no chunnradail a tha seo. ’S e a th’ ann ach compàirteachas co-obrachail agus sùbailte, air a chruthachadh a-rèir prìomhachasan agus ùidhean ionadail.
Na bhios Gaisgich ISMT a’ Dèanamh
Bidh dreuchd Gaisgeach ISMT ag atharrachadh a-rèir àrainneachd, ach dh’fhaodadh gum biodh iad:
- Ag obair mar cheangal eadar ISMT agus an sgoil no an ùghdarras ionadail aca.
- A’ cur taic ri cothroman, goireasan agus tachartasan ISMT an co-roinn agus an sgaoileadh.
- A’ cuideachadh le dol an sàs ann an ionnsachadh proifeiseanta, gnìomhachd rannsachaidh no obair chompàirteachaidh a dhèanamh nas fhasa
- Ag aithneachadh chothroman air obair ISMT a cheangal ri prìomhachasan ionadail agus prìomhachasan leasachaidh.
- Mar neach ainmichte gus taic a chur ri conaltradh agus co-òrdanachadh.
Ag Obair ann an Compàirteachas
Tha sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail ag obair ann an àrainneachdan eadar-mheasgte, agus tha ISMT dealasach a thaobh a bhith ag obair ann an dòighean a tha practaigeach, taiceil agus so-fhreagrach. Mar sin, tha an dreuchd Gaisgeach ISMT air aona-ghnothach sùbailte, gun cumail ri uairean-obrach òrdaichte, ach cuideachd mar phàirt de lìonra nas fharsainge de cho-obraichean a tha a’ dol an sàs ann an obair ISMT, a’ cur ri iomairt buidhne gus cleachdadh a tha bonntaichte air rannsachadh agus ionnsachadh proifeiseanta air feadh na h-Alba a neartachadh.
Na Tha Sinn a’ Tabhann
Faodaidh Gaisgich ISMT a bhith an dùil ri:
- Fiosrachadh cunbhalach fhaighinn a thaobh obair, cothroman agus tachartasan ISMT.
- Cothroman air ceangalan a dhèanamh ri lìonraidhean ISMT, nam measg Tidsearan Fo-fhastaidh agus Fo-ionadan Rannsachaidh.
- Ceangal soilleir a bhith aca ri neach san Ionad
- Cothroman gus cur ri raointean obrach ùra a tha a’ tighinn am bàrr agus an deilbh mar as iomchaidh
Thèid an Sàs
Bu mhath leinn cluinntinn bho sgoiltean agus ùghdarrasan ionadail aig a bheil ùidh ann an obrachadh còmhla ri ISMT san dòigh seo.
Airson tuilleadh fiosrachaidh no airson faighinn a-mach mar a dh’fhaodadh dreuchd Gaisgeach ISMT obrachadh san àrainneachd agadsa, cuir fios thugainn aig: