Fàilte chun Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg
’S e is adhbhar don Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) inbhe teagasg, ionnsachadh proifeiseanta agus rannsachadh foghlam a leasachadh air feadh na h-Alba. ’S e Ionad Nàiseanta do thidsearan na h-Alba a th’ annainn, air ar maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba. Bonntaichte air na h-amasan aig Riaghaltas na h-Alba, tha e mar dhleastanas oirnn taic a thoirt do thidsearan, do sgoiltean agus do luchd-deasachaidh phoileasaidhean gus foghlam cothromach aig àrd-ìre a lìbhrigeadh a-rèir feumalachdan luchd-teagaisg na h-Albainn gu lèir.
Le bhith a’ dèanamh seo, tha sinn nar pàirt den dealas farsaing aig ìre nàiseanta gus a’ bheàrn ann am buileachadh a dhùnadh. Bheir seo leasachadh air coileanaidhean ar clann agus ar n-òigridh air fad, a’ dèanamh cinnteach gum faigh gach neach-ionnsachaidh ann an Alba buannachd à teagasg aig àrd ìre a tha bonntaichte air rannsachadh.
Le bhith a’ toirt sàr-eòlas bho Sgoil Fhoghlaim agus Sgoil Sheasmhachd Sòisealta agus Àrainneachail Oilthigh Ghlaschu ri chèile, còmhla ri ar co-obraichean aig Sabhal Mòr Ostaig agus air feadh siostam an fhoghlaim, tha sinn nar meadhan dealasach air dòighean-obrach ùr-ghnàthach agus co-obrachail bonntaichte air rannsachadh a bhrosnachadh.
Ge b’ e tidsear ag iarraidh an sgilean a leasachadh no ceannard sgoile a tha a’ sireadh ionnsachadh proifeiseanta èifeachdach a th’ annaibh, no gu bheil ùidh agaibh ann an dòighean-obrach bonntaichte air toradh rannsachaidh, gheibhear an rannsachadh, na lìonraidhean, agus an eòlas a bhios mar mheadhan air atharrachadh brìoghmhor a stiùireadh, san Ionad.
Tha sinn air a chur romhainn obrachadh còmhla ris na buidhnean a tha ann mar thà, gu h-àraidh co-obrachadh cuide ri Foghlam Alba gus dèanamh cinnteach gum bi tairgse aontaichte nàiseanta againn. Fhad ’s a tha ISMT a’ toirt taice dha tidsearan gus cruthachadh, cleachdadh agus cothrom fhaighinn air rannsachadh a tha a’ cur a’ phrosbaig air teagasg, bidh Foghlam Alba a’ stiùireadh dealbhachadh, lìbhrigeadh agus leasachadh a’ churraicealam, a’ gabhail a-steach goireasan a chruthachadh a chuireas taic ri teagasg agus ionnsachadh aig àrd-ìre. A bharrachd air seo, bidh iad a’ cumail suas an taic do ionnsachadh proifeiseanta, far am bi iad a’ stiùireadh frèam-obrach nàiseanta, cho math ri obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus na dòighean anns a bheilear a dèiligeadh ri soirbheas, in-ghabhail, giùlan agus cothrom air taic nas fheàrr a thoirt dhaibhsan le feumalachdan a bharrachd a shoillearachadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Foghlam Alba.
Bidh ar làrach-lìn ga leasachadh thairis air na mìosan a tha romhainn, a’ cur an cèill obair an Ionaid agus na ceangalan a thathas a’ dèanamh ri tidsearan air feadh na h-Alba.