Cothroman Fo-fhastaidh do Thidsearan

Chaidh Ionad ùr Sàr-mhathais ann an Teagasg (ISMT) na h-Alba a chur air bhonn gus taic a thoirt do thidsearan, tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, gus na cleachdaidhean aca a stiùireadh agus a leasachadh tro bhith a’ togail air rannsachadh agus fianais agus a leithid a ghabhail os làimh. Tha fiosrachadh a bharrachd mun Ionad, a’ gabhail a-steach amasan agus a dhòighean obrach, ri lorg air làrach-lìn an Ionaid. Tha sinn a-nis a’ sireadh thidsearan eòlach a thèid an dreuchd ann an obraichean fo-fhastaidh pàirt-ùine gus prìomhachasan rannsachaidh an Ionaid a thoirt air adhart.

Tha Cothroman fo-fhastaidh de suas gu 0.4FTE rim faotainn le tidsearan ar feadh Alba gus gnìomhachdan an Ionaid a cho-òrdanachadh agus a stiùireadh tro shreath de chothroman air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh ann am fo-ionadan roinneil, far am faod tidsearan a thighinn còmhla gus a dhol an sàs ann an rannsachadh agus feòrachadh le fòcas air eòlas-teagaisg agus cleachdaidhean clas, a leithid a chruthachadh agus a sgaoileadh [1].

Leigidh na buidhnean tidsear-rannsaiche seo le tidsearan agus an co-obraichean ann an oilthighean agus ann an sgoiltean aig a bheil ùidh anns na h-aon rudan, a bhith a’ co-obrachadh gus taic a chur ri dealbhachadh rannsachaidh agus builean rannsachaidh a sgaoileadh tro, mar eisimpleir, com-pàirteachaidhean cleachdaidhean rannsachaidh agus coimhearsnachdan feòrachd.

Thèid na tagraichean a shoirbhicheas fho-fhastadh bho na dreuchdan teagaisg a th’ aca an dràsta gus tighinn a-steach don sgioba againn, le taic ga thoirt do na dreuchdan tro mhaoineachadhbhon riaghaltas, agus air a dhèanamh comasach tro aonta le ùghdarrasan ionadail/ fastaichean. A bharrachd air a bhith a’ cur ri leasachadh proifeiseanta, tha seo na chothrom gus dreuchd deatamach a ghabhail ann an taic a chur ri adhartachadh co-inbhich, agus tron sin a bhith a’ cur gu ìre nach beag ri coimhearsnachd an fhoghlaim san fharsaingeachd.

Bidh tidsearan a thèid am fo-fhastadh air cunnradh sealach chun Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg fhathast air am fastadh leis a’ phrìomh fhastaiche aca. Bidh na tagraichean a shoirbhicheas ag obair don Ionad an dàrna cuid là no dà là san t-seachdain (a-rèir an aonta), a’ tilleadh chun phrìomh obair aca air na h-uairean obrach a bh’ aca roimhe aig deireadh ùine aontaiche an fho-fhastaidh. Thoir an aire nach e dreuchdan a bharrachd no dreuchdan fa leth a th’ anns na fo-fhastaidhean. Tha uairean obrach (FTE) an fho-fhastaidh a’ tighinn a-mach à uairean obrach dreuchd àbhaisteach an tagraiche.

Bidh na fo-fhastaidhean an gnìomh bho Faoilleach 2026 - Màrt 2026

Thathas a-nis a’ sireadh thagraichean gu trì mòr-ionadan cuspaireil :

Eòlas-teagaisg a chuireas Taic ri Buileachadh ann an Seòmraichean Clas Eadar-mheasgte

Cuiridh am mòr-ionad seo fòcas air taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh uile an comasan a ruighinn tro dhòighean in-ghabhaltach a tha bonntaichte air rannsachadh. Nithear sgrùdadh air tèaman leithid feumalachdan taic a bharrachd, giùlan agus in-ghabhail, agus slàinte agus sunnd. Tro fheòrachd neach-dreuchdail, com-pàirteachaidhean rannsachaidh agus coimhearsnachdan, ionnsachadh proifeiseanta, cuiridh am mòr-ionad fianais agus cleachdadh fa chomhair thidsearan a bheir cothromas, in-ghabhail agus buileachadh am feabhas air feadh seòmraichean-clas na h-Alba.

Ùr-ghnàthachadh ann an Eòlas-teagaisg gus Cleachdaidhean Clas a Thoirt am Feabhas

Cuiridh am mòr-ionad seo air adhart ùr-ghnàthachadh agus cruthachalachd ann an teagasg agus ionnsachadh, le cuideam air speisealachdan cuspair, cleachdaidhean measaidh, agus dòighean lorgachaidh agus buileachaidh a leasachadh. A’ togail air rannsachadh aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta, bheir e cothroman do thidsearan a bhith a’ dol an sàs ann am feòrachadh co-obrachail, cleachdadh èifeachdach a roinn, agus eòlas-teagaisg ùr-ghnàthach aig a bheil buaidh as urrainn a thomhas air ionnsachadh agus buileachadh sgoilearan a rannsachadh.

Foghlam Didseatach agus Tuigse Innealta (AI) ann an Leasachadh Eòlas-teagaisg

Bidh am mòr-ionad seo a’ stiùireadh rannsachadh agus ionnsachadh proifeiseanta a thaobh teicneòlas didseatach agus AI a chleachdadh ann an dòigh a chuireas ri eòlas-teagaisg agus cleachdaidhean sa chlas. Bheir e taic do thidsearan gus a dhol an sàs le teicneòlasan ùra ann an dòighean breithneachail agus cruthachail, a’ rannsachadh mar a dh’fhaodadh iad teagasg, measadh, agus gabhail pàirt luchd-ionnsachaidh a thoirt am feabhas. Bidh am mòr-ionad cuideachd ga dhèanamh nas fhasa do luchd-teagaisg, luchd-rannsachaidh agus eòlaichean teicneòlais a bhith a’ co-obrachadh gus comas air foghlam didseatach air feadh Alba, agus earbsa ann, a thogail.

Cur an dreuchd

Thèid fo-fhastaichean an cuir an dreuchd sa mhòr-ionad as fheàrr a fhreagras air an cuid eòlais agus fiosrachaidh agus, ged a bhios iad ceangailte ri mòr-ionad bunait no mòr-ionad cuspaireil, faodaidh iad a’ bhith ag obair bhon mhòr-ionad as fhaisge air an àite-obrach aca fhèin, agus/ no air-loidhne. Ma dh’fheumas iad a bhith an làthair aig coinneamhan no tachartasan cudromach, thèid seo innse dhaibh ro-làimh.

Làimhseachadh iarrtasan

’S ann le litir-chòmhdachaidh agus Eachdraidh Beatha (CV) a bu chòir iarrtas a chur a-steach. Bu chòir don litir-chòmhdachaidh:

  • measadh a dhèanamh air na slatan-tomhais deatamach agus freagarrachd an neach-tagraidh airson na dreuchd;
  • dearbhadh gu bheil Ceannard Sgoile an neach-tagraidh a’ toirt taic don iarrtas.

Thoir an aire gum feum thu fianais sgrìobhte a thabhann a dhearbhas gum biodh taic an ùghdarrais ionadail/ an fhastaiche agad nan soirbhicheadh leat; mar sin, thathas a’ moladh gum bi luchd tagraidh a co-obrachadh leis na h-oifigearan iomchaidh tron phròiseas iarrtais.

Thathas a’ moladh gun comharraich luchd-tagraidh far a bheil na cuspairean anns a bheil ùidh aca a thaobh ionnsachadh proifeiseanta a’ freagairt air na mòr-ionadan cuspaireil air an tugadh iomradh gu h-àrd. Thèid iarraidh air luchd-tagraidh air an liosta thaghte a thighinn gu agallamh le panail air am bi buill de sgioba ISMT agus riochdairean bho Bhòrd Comhairleachaidh an Ionaid airson Sàr-mhathais ann an Teagasg, ma bhios iad saor.

Cuir an cunntas-beatha agad agus litir-chòmhdachaidh chun seòladh puist-d seo: cfte@glasgow.ac.uk

Comasan agus Eòlas Deatamach

  • Trì bliadhnaichean air a’ char as lugha de theagasg làn-thìde, às dèidh bliadhna probhaidh (no co-ionann), agus/ no eòlas leantainneach ann a bhith os cionn/ a’ cur taic ri feòrachadh dhaoine eile.
  • Eachdraidh dhearbhte de dhol an sàs nad ionnsachadh proifeiseanta fhèin a thaobh rannsachadh/ feòrachd.
  • Fianais chlàraichte air ionnsachadh proifeiseanta fad-dreuchd.
  • Eòlas air a bhith os cionn/ a’ stiùireadh thidsearan eile tro ghnìomhachdan leudaichte ionnsachadh proifeiseanta.
  • Sgilean eadar-phearsanta agus sgilean conaltraidh air leth, agus comasach air fiosrachadh a thaisbeanadh gu raon de luchd-ùidhe.

Feumalachdan na Dreuchd

  • A’ bhith a’ toirt Rannsachadh agus Cleachdadh ri chèile.
  • A bhith mar cheangal eadar sgoiltean agus an Ionad, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iomairtean ionnsachadh proifeiseanta da-rìreabh buntainneach agus practaigeach do thidsearan ann an seòmraichean-clas.
  • A bhith a’ cuideachadh le ro-innleachdan so-ghnìomhach as urrainn a bhuileachadh ann an suidheachaidhean sgoile eadar-mheasgte ullachadh ri linn toraidhean rannsachaidh.
  • A bhith a’ cur taic ri iomairtean ionnsachadh proifeiseanta.
  • A bhith a’ cur ri leasachadh fo-ionadan roinneil agus lìbhrigeadh cothroman air-loidhne air ionnsachadh proifeiseanta, mar a chaidh a mhìneachadh ann am modal ISMT.
  • A bhith a’ cur coimhearsnachdan cleachdaidh an comas tro bhith a’ stiùireadh thidsearan gus a dhol an sàs ann am feòrachd neach-dreuchdail, rannsachadh dèanadach agus seiseanan leasachadh proifeiseanta.
  • A bhith a’ cuideachadh le dealbhachadh ghnìomhachdan air-loidhne agus aghaidh-ri-aghaidh a tha a’ freagairt air feumalachdan tidsearan agus prìomhachasan an t-siostaim.
  • A bhith a’ cur ri stuthan agus goireasan ionnsachadh proifeiseanta a leasachadh.
  • A bhith a’ cruinneachadh agus a’ sgaoileadh fianais.
  • A bhith a’ cur ri agus a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh air teagasg, ionnsachadh agus measadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil seo a’ riochdachadh cleachdaidhean clas ann an da-rìreabh.
  • A bhith a’ cur taic ri aithisgean co-chur a chruthachadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad so-ruigsinneach agus a’ freagairt air co-theacsan sgoile eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha.
  • A bhith a’ cuideachadh le mion-fhiosrachaidhean fianais, susbaint didseatach agus eadar-obair air na meadhanan sòisealta a chruthachadh gus geur-bheachdan a chom-pàirteachadh le tidsearan air feadh na dùthcha.

A’ Neartachadh Chom-pàirteachaidhean

  • A bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail, sgoiltean agus oilthighean gus dèanamh cinnteach gu bheil obair ISMT fighte a-steach ann an siostam foghlam na h-Alba.
  • A bhith a’ cur an comas co-obrachadh eadar tidsearan agus luchd-rannsachaidh a chuireas taic ri fiosrachadh ionnsachadh proifeasanta a chaidh a chruthachadh còmhla.
  • A bhith a’ cruthachadh lìonraidhean thar agus eadar earrannan foghlaim ann an Alba gus cultar de theagasg a tha bonntaichte air rannsachadh agus feòrachadh a chur an sàs.

A’ Brosnachadh Cothromais agus In-ghabhail

  • A bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil ionnsachadh proifeiseanta a’ freagairt air feumalachdan coimhearsnachdan eadar-dhealaichte, gu h-àraidh ann an suidheachaidhean dùthchail agus suidheachaidhean Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
  • A bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile tidsear, gu h-àraidh iadsan a bhuineas do bhuidhnean a tha an dràsta às aonais riochdachadh iomchaidh, am fàilteachadh, agus gum faigh iad èisteachd ann an leasachadh na fo-ionadan.
  • A bhith a’ cuideachadh le cleachdaidhean in-ghabhalach a dhealbhachadh tro bhith a’ tarraing air am fiosrachadh fhèin ann an co-theacsan foghlaim eadar-mheasgte.

Cinn-là Cudromach

Ceann-là dùnaidh: 5mh den t-Samhain 2025

Agallamhan: S/T 17mh den t-Samhain 2025

Fiosrachadh mu bhuilean: bho 26mh den t-Samhain 2025


[1] Far nach eil fo-fhastadh 0.4 FTE ion-dhèanta, thèid beachdachadh air cur an dreuchd stèidhichte air àireamh aontaichte stèidhichte de làithean. Bu chòir seo a mhìneachadh anns an litir-chòmhdachaidh.