Sealladh agus rùn ISMT: a’ coileanadh amasan Riaghaltas na h-Alba
Tha an t-Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg ga chur air bhonn le dleastanas air leth gus taic a thoirt dha tidsearan an comasan eòlas-teagaisg a leasachadh. ’S e a’ phrìomh rud air a bheilear a’ cur cuideam, taic a thoirt do thidsearan, tidsearan tro mheadhan na Gàidhlig nam measg, a bhi a’ stiùireadh agus a’ gabhail pàirt ann an rannsachadh agus dearbhadh gus na dòighean obrach aca a leasachadh, a los teagasg agus ionnsachadh aig sàr ìre a lìbhrigeadh.
Bidh Foghlam Alba a’ stiùireadh dealbhachadh, lìbhrigeadh agus leasachadh a’ churraicealam, a’ gabhail a-steach goireasan a chruthachadh a bheir taic do theagasg agus ionnsachadh aig àrd-ìre. A bharrachd air seo, bidh iad a’ cumail suas an taic do ionnsachadh proifeiseanta, far am bi iad a’ stiùireadh frèam-obrach nàiseanta, cho math ri obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus na dòighean anns a bheilear a dèiligeadh ri soirbheas, in-ghabhail, giùlan agus cothrom air taic nas fheàrr a thoirt dhaibhsan le feumalachdan a bharrachd a shoillearachadh. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: Foghlam Alba.
Cumaidh diofar bhuidhnean orra le taic a thoirt do thidsearan a thaobh ionnsachadh proifeiseanta ann an diofar dhòighean, na thèid a lìbhrigeadh tro sgoiltean agus/ no tro ùghdarrasan ionadail nam measg.