Gòrdan MacCoinnich

'S e Gòrdan MacCoinnich an t-ainm a th' orm is 's e oileanach PhD a th' annam ag obair ann an Roinn na Celtis is na Gàidhlig.  Tha a’ bhuidheann rannsachaidh Ghàidhlig, Soillse, a’ toirt taic dhomh airson PhD a dhèanamh.  Tha mo phròiseact a' sgrùdadh a’ bhuinteanais eadar na meadhanan is beachdan muinntir na h-Alba, gu h-àraid a’ toirt sùil air an stèisean telebhisean BBC ALBA.  Airson seo a dhèanamh bidh mi a' cleachdadh dòighean-obrach càileachdail agus uimhireil le daoine aig a bheil Gàidhlig agus le daoine gun Ghàidhlig sam bith.  Mus tàinig mi a Ghlaschu, bha mi ann an Dùn Èideann far an do rinn mi ceum ann an sòiseo-eòlas agus saidhceòlas.  Ann an 2011 fhuair mi taic bho Oilthigh Napier Dhùn Eideann airson pròiseact rannsachaidh a dhèanamh a bha a’ coimhead air a’ bhuaidh mhaireannaich  a bha aig a’ Ghàidhlig air sgoilearan sa Ghàidhealtachd a rinn Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMTG). Is toil leam ball-choise is iomain a chluich nuair a tha ùine agam. Bidh mi a’ cluich iomain airson Sgioba Camanachd Oilthigh Ghlaschu is ball-coise airson Sgioba Ball-coise a’ Phluic.  Tha mi cuideachd a’ dèanamh obair shaor-thoileach airson Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, agus tha mi fuireachd còmhla ri daoine eile aig a bheil a’ Ghàidhlig ann an Taobh Siar Ghlaschu.

Gordon MacKenzie

My name is Gordon MacKenzie and I'm a second year PhD student working within the Celtic and Gaelic subject area.  My PhD is sponsored by Soillse, which is the 'inter-university initiative to enhance research capacity for the maintenance and revitalisation of Scottish Gaelic language and culture'.  The project focuses on the relationship between Gaelic media and attitudinal change, specifically looking at the Gaelic-medium television channel - BBC ALBA.  This involves combining a variety of qualitative and quantitative social research methods in order to investigate the potential impact of media upon both Gaelic and non-Gaelic speaking cohorts. Before coming to Glasgow in 2012, I was in Edinburgh for five years where I completed an undergraduate degree in Sociology and Psychology, before being awarded an MRes scholarship by Edinburgh Napier University to research the long lasting effects of GME (Gaelic-medium education) on small cohort of former pupils from the West Highlands.  In my spare time I play shinty with Glasgow University Camanachd Club and football for Plockton AFC.  I'm also a volunteer sports coach for Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, and I live in a Gaelic-speaking flat here in Glasgow's West End.