Rannsachadh na Gàidhlig 7

Rannsachadh na Gàidhlig 7

Issued: Fri, 21 Sep 2012 12:21:00 BST

Rannsachadh na Gàidhlig 7
Chaidh còrr is 70 pàipear a lìbhrigeadh aig Rannsachadh na Gàidhlig 7 a bha ga cumail eadar 21 agus 23 Lùnastal le Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig. ’S e Rannsachadh na Gàidhlig a’ phrìomh cho-labhairt sgoilearach a bhuineas ris a’ Ghàidhlig, a litreachas, a cultar agus a h-eachdraidh. ’S e seo an t-seachdamh co-labhairt anns an t-sreath a thòisich an Obar Dheathain ann an 2000  agus a tha ga cumail ann an diofar oilthighean gach darnacha bliadhna. Bha mu 120 sgoilear  à Alba, Èirinn, a’ Chuimrigh Canada, Na Stàitean Aonaichte, a’ Ghearmailt agus an Òlaind an làthair ann an Glaschu airson èisteachd ri pàipearan air farsaingeachd de chuspairean bho na meadhan-aoisean tràtha chun an latha an-diugh. Chaidh a’ cho-labhairt a chur air dòigh le taic bho Soillse (an Lìonradh Nàiseanta airson Glèidheadh agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig) agus bho Bhòrd na Gàidhlig. Bha prìomh òraidean gan lìbhrigeadh leis an Ollamh Rob Dunbar, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean; an t-Ollamh Máire Herbert, Coláiste na hOllscoile Corcaigh; an t-Ollamh Elmar Ternes, Oilthigh Hamburg; an t-Ollamh Dòmhnall Meek, Oilthigh Ghlaschu; an Dr Màrtainn MacGriogair, Oilthigh Ghlaschu. Thèid taghadh de phàipearan bhon a’ cho-labhairt fhoillseachadh le Roinn na Ceiltis is na Gàidhlig an ath-bhliadhna.

Over seventy papers were delivered at Rannsachadh na Gàidhlig 7 which was hosted by Celtic and Gaelic between 21 and 23 August 2012. Rannsachadh ‌na Gàidhlig is the foremost academic conference dealing with the Gaelic language, its literature, history and culture. This was the seventh conference in a series which began in Aberdeen in 2000 and which is held in a different university every two years. Around 120 scholars from Scotland, Ireland, England, Wales, Canada, the United States, Germany and the Netherlands attended with papers ranging from topics on the early middle ages to the present day. The event received assistance from Soillse (the National Research Network for the Maintenance and Revitalisation of Gaelic Language and Culture) and from Bòrd na Gàidhlig. Plenary lectures were delivered by Professor Rob Dunbar, University of the Highlands and Islands; Professor Máire Herbert, University College Cork; Professor Elmar Ternes, University of Hamburg; Professor Donald Meek, University of Glasgow and Dr Martin MacGregor, University of Glasgow. A selection of papers from the conference will be published by Celtic and Gaelic next year.