Gàidhlig ann an Alba

Gàidhlig ann an Alba

 Luchd-labhairt na Gàidhlig | Gaelic Speakers

Sheall cunntas-sluaigh 2001 gun robh 58,652 neachlabhairt Gàidhlig ann an Alba. Nochd 78,402 neach gun tuigeadh iad a’ Ghàidhlig ach nach robh iad an-còmhnaidh comasach air a’ Ghàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a labhairt. ’S ann an Glaschu a tha an cruinneachadh as motha de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, taobh a-muigh nan Eilean Siar.

The 2001 census revealed that there were 58,652 Gaelic speakers in Scotland. A total of 78,402 people indicated that they could understand Gaelic but were not necessarily able to read, write or actually speak Gaelic. Glasgow has the largest concentration of Gaelic speakers in Scotland outwith the Western Isles.

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 | Gaelic Language (Scotland) Act 2005

Chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh air an 13mh An Gearran 2006 agus stèidhich an Achd Bòrd na Gàidhlig mar bhuidhinn phoblaich ris a bheil e an urra inbhe na Gàidhlig a ghleidheadh mar chànan oifigeil air a bheil an aon mheas sa tha air a' Bheurla ann an Alba. Fhuair Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 aonta Rìoghail air a' 1mh An t-Ògmhìos 2005.

The Gaelic Language (Scotland) Act was commenced on 13th February 2006 and it established Bòrd na Gàidhlig as a public body which is responsible for the preservation of Gaelic as an official language which enjoys the same respect as English in Scotland. The Gaelic Language (Scotland) Act 2005 received Royal assent on 1st June 2005.

Bòrd na Gàidhlig | Bòrd na Gàidhlig

'S e buidheann poblach a th' ann am Bòrd na Gàidhlig air a bheil uallach airson amasan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 a choileanadh ann an co-bhonn le coimhearsnachd na Gàidhlig agus buidhnean oifigeal bho air feadh Alba.

Tha dleastanasan sònraichte aig aig Bòrd na Gàidhlig fon Achd mar na leanas:

  • comhairle a thoirt do Mhinistearan na h-Alba mu chùisean Gàidhlig;
  • Plana Nàiseanta na Gàidhlig a dheasachadh 's a stiùireadh;
  • comhairle a thoirt seachad air cùisean Gàidhlig is foghlam Gàidhlig ann an Alba;
  • comhairle agus stìureadh a thoirt do bhuidhnean poblach air planaichean Gàidhlig; agus
  • a bhith tomhas mar a choileanar dleastanasan Cairt Eòrpach nam Mion-chànanan a thaobh na Gàidhlig ann an Alba agus sin innse do Mhinistearan na h-Alba.

Bidh Bòrd na Gàidhlig ag ullachadh Plana Nàiseanta na Gàidhlig gach còig bliadhna a bheireas stiùir do bhuidhnean air feadh Alba a tha an sàs le leasachadh na Gàidhlig.

Bòrd na Gàidhlig is the public body with responsibility for carrying out the provisions of the Gaelic Language (Scotland) Act 2005 in collaboration with the Gaelic community and official organisation across Scotland.

Under the terms of the Act, Bòrd na Gàidhlig is required to:

  • give advice to Scottish Ministers on Gaelic matters;
  • prepare and steer the National Plan for Gaelic;
  • give advice on Gaelic and Gaelic education in Scotland;
  • provide guidance to public bodies in Scotland on Gaelic language plans; and 
  • monitor the implementation of the European Charter for Regional or Minority Languages, and report the findings to the Scottish Ministers.

Bòrd na Gàidhlig prepares a National Gaelic Language Plan every 5-years which provides a guide to the priorities for organisations involved in the development of the language across many sectors.