UofG Gàidhlig

UofG Gàidhlig

Chaidh UofG Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2009 gus cothrom a thoirt do dh’oileanaich agus luchd-obrach, Gàidhlig ionnsachadh agus a cleachdadh air làrach an Oilthighe agus cothrom a thoirt dhaibh a dhol an sàs ann an tachartasan co-cheangailte ri cànan agus cultar na Gàidhlig tro mheasgachadh farsaing de thachartasan, cothroman ionnsachaidh agus pròiseactan tron a’ bhliadhna.

Tha UofG Gàidhlig stèidhichte air eisimpleirean ann an Èirinn is 's i ag amas air:

  • an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh aig Oilthigh Ghlaschu
  • barrachd chothroman cleachdaidh a chruthachadh dha oileanaich agus luchd-obrach a tha fileanta sa Ghàidhlig
  • agus ìomhaigh cultar agus cànan na Gàidhlig a bhrosnachadh am measg coimhearsnachd an Oilthighe. 

Tha Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle Maoineachaidh na h-Alba agus Oilthigh Ghlaschu a' cumail taic ri Gàidhlig @ Oiltigh Ghlaschu.

Plana Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu 2012 - 2017 

A' togail air obair leasachaidh na h-Iomairt, tha Oilthigh Ghlaschu air Plana Gàidhlig ullachadh a rèir amasan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.   

Chaidh am Plana seo aontachadh le Bòrd na Gàidhlig anns an Dùbhlachd 2012 agus fhoillseachadh gu foirmeil anns a' Mhàrt 2013. Tha am Plana seo a mhìneachadh mar a tha dùil aig Oilthigh Ghlaschu taic leantainneach a chumail ri cànan agus cultar na Gàidhlig is mar a tha an t-Oilthigh an dòchas ìomhaigh agus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh ann an obair an Oilthighe bho latha gu latha, air feadh baile Ghlaschu agus an dà chuid aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Aig ìre phractaigeach, thèid cànan agus cultar na Gàidhlig a leasachadh san Oilthigh a rèir còig prìomh raointean-obrach, nam measg: Beatha nan Oileanach, Conaltraidhean, Luchd-obrach, Foillseachaidhean, agus Ìomhaigh.

Leugh Plana Gàidhlig an Oilthighe an seo.

UofG Gàidhlig

UofG Gàidhlig

UofG Gàidhlig is a unique language initiative which was established at the University of Glasgow in 2009 and which exists to increase the opportunities for staff and students to learn the language and indeed to increase the opportunity for Gaelic speakers to use Gaelic naturally on the campus. This is achieved through a wide-range of events, learning opportunities and unique projects which take place throughout the year. 

The UofG Gàidhlig initiative is based upon similar examples in Ireland and aims to: 

  • increase the number of speakers at the University of Glasgow
  • increase the usage opportunities for Gaelic-speaking staff and students 
  • and to raise the profile of Gaelic language and culture generally amonst the University community. 

Bòrd na Gàidhlig, the Scottish Government, the Scottish Funding Council and the University of Glasgow all support various aspects of the initiative, Gàidhlig @ Oiltigh Ghlaschu. 

The University of Glasgow Gaelic Language Plan 2012 - 2017 

Building upon the achievements of the Gaelic language initiative, the University has for the first time developed a 5-year Gaelic Language Plan in line with the aims and objectives of the Gaelic Language (Scotland) Act 2005.  

The Plan was formally approved by Bòrd na Gàidhlig in December 2012 and launched in March 2013. The Plan illustrates the University’s ongoing support for Gaelic language and culture and its aspiration to increase the profile and use of Gaelic within its day-to-day operations, throughout the city of Glasgowand both nationally and internationally. 

In practical terms it will involve the development of Gaelic language and culture within the context of 5 key functions including: Student Experience, Communications, Staffing, Publications and Identity.  

Read the Plan in full here.