Fàilte

Fàilte

‌Tha sgrùdadh na h-Alba agus a litreachas air sgaoileadh gu h-eadar-nàiseanta bhon a thachair na nithean a leanas:  chaidh a’ chiad imleabhar dhen iris Studies in Scottish Literature fhoillseachadh bho chionn còrr is leth cheud bliadhna; chaidh ASLS a chruthachadh anns na 1970an; thòisich buidhnean mar an Comann Sgrùdadh Eòlas na h-Alba san Ochdamh Linn Deug  (ECSSS) anns na 1980an agus chruthaicheadh buidheann còmhraidh Litreachas na h-Alba aig an MLA ann an 2000.  Tha leasachaidhean bho chionn ghoirid leithid an Comann Sgrùdadh Eòlas na h-Alba san Roinn-Eòrpa a’ toirt taic do leasachadh a’ ghluasaid seo.  Dìreach mar a tha Sgrùdadh air Eòlas na h-Alba air fàs, tha cuideachd leasachadh air a bhith ann an co-obrachadh nàiseanta agus cruinneil eadar oilthighean, a thaobh teagaisg, iomlaid luchd-obrach agus pròiseactan rannsachaidh.

Tha an Comann Eadar-Nàiseanta airson Sgrùdadh Litreachas na h-Alba (CENSLA), a chaidh a stèidheachadh aig a’ chiad Còmhdhail na Cruinne airson Litreachas na h-Alba ann an 2014,  gu làidir a’ cur Litreachas na h-Alba anns a’ chlar-obrach stèidhichte chruinneil seo.

’S iad amasan an CENSLA:

  • Leasachadh agus leudachadh a thoirt air litreachas na h-Alba, gu h-àraidh tro cho-obrachadh, rannsachadh agus iomlaid.
  • Sgeama a sholarachadh airson Còmhdhailean na Cruinne san àm ri teachd a thaobh ullachadh, eagrachadh, cur air dòigh, com-pàirteachas  agus taic.
  • Dèanamh cinnteach gu bheil inbhe Litreachas na h-Alba mar litreachas nàiseanta air a h-aithneachadh agus air a brosnachadh cho farsaing is a ghabhas.
  • Goireas a stèidheachadh airson dèiligeadh ri ceistean sam bith a dh’èireas mu litreachas na h-Alba agus an toirt gu aire eadar-nàiseanta.
  • Pròiseactan rannsachadh eadar-nàiseanta fhurastachadh.
  • Cothroman airson iomlaidean, co-cheuman Maighstireachd no prògramman PhD ann an litreachas na h-Alba.
  • Fòram air-loidhne a thoirt do dh’oileanaich a tha a’ sgrùdadh litreachas na h-Alba taobh a-muigh co-theacsa Albannach airson beachdachadh air an eòlas fhèin.
  • Eisimpleirean a thoirt seachad air bun thraidisean ann an sgrùdaidhean agus cleachdaidhean inntleachdail a tha an dà chuid Albannach agus eadar-nàiseanta: reusanachadh an t-Soillseachaidh a chur ri eòlas ann an co-theacsa leasachadh stuthan saoghalta. 

Tha CENSLA air a chlàradh mar charthannas Albannach, SC044410, airson adhbharan adhartachadh foghlaim, nan ealan, dualchais agus cultair.