Gaelic in Glasgow Survey Launches Today

Issued: Mon, 19 Apr 2021 13:00:00 BST

Glasgow City Council in partnership with the University of Glasgow are today launching their ‘Gaelic in Glasgow’ survey with a view to gaining an up-to-date and deeper understanding of the Gaelic community in and around Glasgow.

Building upon the city’s exceptional progress in the development of Gaelic to date, the data gathered in this community survey will play a pivotal role in supporting a sustainable future for Gaelic language and culture in Glasgow and will help shape effective development initiatives that reflect the increasingly diverse nature of the community.

The survey is aimed at individuals residing in Glasgow and surrounding local authority areas who regularly access Gaelic activity in the city as well as, organisations which are either based in Glasgow or which engage with Gaelic audiences in Glasgow and the surrounding areas.

 Glasgow City Councils Gaelic Project Officer, Donna MacLean said: “We are delighted to be working with the University of Glasgow in the creation of this consultation that we believe will be instrumental in helping to plan for future Gaelic development initiatives.

"Gaelic in Glasgow is continuing to thrive, with very healthy numbers attending Gaelic Medium Education, community learning expanding year on year and a lively social scene. Glasgow City Council are committed to assisting with the development and promotion of the language in the city and build on the successes of the last ten years.

"We hope that this consultation process will allow us to further connect with the Glasgow Gaelic community to assist us in planning for future Gaelic development initiatives and highlight key priorities for our fourth Gaelic Language Plan from 2023 to 2027. We encourage you all to take the time to complete the survey, regardless of your Gaelic ability. We want to hear from everyone who is connected to or has an interest in Gaelic language - your opinion matters, and we want to hear it.”

In addition to supporting development initiatives across the city, the survey results will also inform ongoing research at the University of Glasgow supported by the British Academy and Bòrd na Gàidhlig, considering support for minority language communities in urban settings. 

Fiona Dunn, Gaelic Development Manager at The University of Glasgow commented: “The findings of this consultation will make a significant contribution to our knowledge and understanding of minority language communities in urban contexts. Capturing meaningful data on the composition of the community today, will provide a foundation upon which informed and meaningful language planning can be based. Our partnership with Glasgow City Council is vitally important in this regard and provides a very real opportunity for measurable impact on the city’s Gaelic community.”

The survey covers a broad range of sub-themes from demographics and language proficiency to Gaelic education and broader cultural interests. While respondents are encouraged to complete the survey in line with their pre-COVID habits, there is also a section to capture the impact of COVID-19 restrictions on the Gaelic community.  

The creation of this survey has been made possible with the support of the GLAIF fund at Bòrd na Gàidhlig. Steven Kellow, Funding and Projects Officer at Bòrd na Gàidhlig, said: “We are happy to support this survey through our GLAIF (Gaelic Language Act Implementation Fund) scheme and we are sure that this will support the Council in using and promoting the Gaelic language in their work and in implementing their most recent Gaelic Language Plan. 

"BnG’s GLAIF funding is available to all public authorities with a statutory Gaelic Language Plan and this time last year Glasgow City Council were successful in their application.  This year’s GLAIF scheme is open until 22 April 2021.”

------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Suirbhidh Ghàidhlig ann an Glaschu ga Foillseachadh An-diugh – Tha sinn a’ sireadh ur beachdan! 

Tha Comhairle Baile Ghlaschu ann an com-pàirteachas le Oilthigh Ghlaschu, a’ foillseachadh na suirbhidh aca ‘Gàidhlig ann an Glaschu’ an-diugh, a’ coimhead ri tuigse nas ùire agus nas doimhne fhaotainn mun choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Glaschu agus mu thimcheall Ghlaschu.

A’ togail air adhartas sònraichte a’ bhaile mhòir seo ann an leasachadh na Gàidhlig gu ruige seo, bidh àite deatamach aig an dàta a thèid a thional san t-suirbhidh, ann a bhith a’ cur taic ri àm teachdail seasmhach do chànan is cultar na Gàidhlig ann an Glaschu, agus a’ cuideachadh le iomairtean leasachaidh èifeachdach a chumadh a bhios a’ fregairt air nàdar eadar-mheasgte mheudaichte na coimhearsnachd.

Tha an t-suirbhidh a’ cuimseachadh air daoine fa leth a tha a’ còmhnaidh ann an Glaschu agus ann an sgìrean nan ùghdarrasan ionadail a bhios gu cunbhalach a’ com-pàirteachadh ann an gnìomhachd Ghàidhlig sa bhaile, a thuilleadh air buidhnean a tha stèidhichte ann an Glaschu no a bhios a’ conaltradh ri luchd-èisteachd Gàidhlig ann an Glaschu agus na sgìrean mun cuairt. 

Seo mar a thuirt Donna NicIllEathain, Oifigear Pròiseict Comhairle Baile Ghlaschu: “Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri Oilthigh Ghlaschu ann an cruthachadh a’ cho-chomhairleachaidh seo, a tha sinn a’ creidsinn a bhios gnìomhach ann am planadh iomairtean leasachaidh Gàidhlig mu choinneamh an ama ri teachd.

"Tha Gàidhlig ann an Glaschu a’ leantainn air adhart a’ soirbheachadh, le àireamhan glè fhallain a’ frithealadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, ionnsachadh coimhearsnachd a’ sìor fhàs bliadhna an dèidh bliadhna agus saoghal sòisealta a tha glè bheòthail. Tha Comhairle Baile Ghlaschu dealasach a thaobh cuideachadh le leasachadh agus adhartachadh na Gàidhlig anns a’ bhaile agus togail air soirbheachasan nan deich bliadhna mu dheireadh. Tha sinn an dòchas gun ceadaich am pròiseas co-chomhairleachaidh seo dhuinn ceanglaichean a bharrachd a thogail le coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu, gus ar cuideachadh ann am planadh iomairtean leasachaidh Gàidhlig don àm ri teachd agus prìomhachasan a thoirt am bàrr airson a’ cheathramh Plana Gàidhlig againn bho 2023 gu 2027.

"Tha sinn a’ cur ìmpidh oirbh uile ùine a ghabhail gus an t-suirbhidh a lìonadh a dh’aindeoin ur comais ann an Gàidhlig. Tha sinn airson cluinntinn bho gach neach aig a bheil ceangal ri no ùidh anns a’ Ghàidhlig – tha ur beachdan cudromach agus tha sinn airson an cluinntinn.”

A thuilleadh air taic do dh’iomairtean leasachaidh air feadh a’ bhaile, bheir toraidhean na suirbhidh fiosrachadh do rannsachadh leantainneach, air a’ mhaoineachadh leis an Acadamaidh Bhreatannach gus Bòrd na Gàidhlig, a tha a’ beachdachadh air taic do choimhearsnachdan mhion-chànanan ann an suidheachaidhean bailteil. 

Thuirt Fiona Dunn, am Manaidsear Leasachaidh Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu: “Bidh builean a’ cho-chomhairleachaidh seo cudromach ann an cur ri ar n-eòlas agus ar tuigse do choimhearsnachdan mhion-chànanan ann an co-theacsaichean bailteil. Bheir tional air dàta brìgheil a thaobh co-dhèanamh na coimhearsnachd san latha an-diugh, bunait air am faod planadh cànain fiosraichte agus brìoghmhor a bhith stèidhichte. Tha ar com-pàirteachas le Comhairle Baile Ghlaschu air leth riatanach a thaobh seo agus a’ toirt seachad fìor dheagh chothrom air a’ bhuaidh air coimhearsnachd na Gàidhlig sa bhaile a thomhas.”

Tha an t-suirbhidh a’ còmhdach raon farsaing de fho-thèaman bho sluagh-thomhas agus comas cànain gu foghlam Gàidhlig agus ùidhean cultarach nas fharsainge. Ged a tha sinn a’ misneachadh luchd-freagairt gu an t-suirbhidh a lìonadh ann an co-rèir ri an dòigh-beatha ro chuibhreachaidhean COVID, tha earrann ann cuideachd airson buaidh chuibhreachaidhean COVID-19 air a’ choimhearsnachd Ghàidhlig, a chlàradh.  

Bha e comasach an t-suirbhidh seo a chruthachadh tro thaic maoineachaidh GLAIF aig Bòrd na Gàidhlig. Thuirt Steven Kellow, Oifigear Maoineachaidh is Phròiseactan aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn toilichte taic a chur ris an t-suirbhidh seo tro sgeama GLAIF (Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig) agus tha sinn cinnteach gun cuir seo taic ris a’ Chomhairle ann a bhith a’ cleachdadh agus ag adhartachadh na Gàidhlig nan obair agus ann am buileachadh a’ Phlana Ghàidhlig aca. Tha maoineachadh GLAIF aig Bòrd na Gàidhlig ri fhaotainn le ùghdarrasan poblach uile aig a bheil Plana Gàidhlig reachdail agus aig an àm seo an-uiridh bha Comhairle Baile Ghlaschu soirbheachail leis an tagradh aca. Tha sgeama GLAIF na bliadhna seo fosgailte gu 22 Giblean 2021.”

 

The Gaelic in Glasgow consultation will be live from 9am on Monday the 19 April, 2021 and will be open for three weeks until the 10th of May. The survey can be accessed on both Glasgow City Council and Glasgow University’s websites listed below.

Building upon the findings of the survey, respondents will be invited to participate in focus groups where emerging themes will be discussed in more detail. Further information on these events will follow this initial consultation phase.

A direct link to the survey can be found here: https://www.smartsurvey.co.uk/s/gaelicinglasgow/

Further information from Glasgow City Council here: https://www.glasgow.gov.uk/article/17535/Gaelic

Further information from The University of Glasgow here: https://www.gla.ac.uk/explore/gaelic/events/headline_783273_en.html

Bòrd na Gàidhlig (BnG) is an executive non-departmental public body established under the Gaelic Language (Scotland) Act 2005. It is the principal body in Scotland responsible for promoting Gaelic development and providing advice to the Scottish Ministers on Gaelic matters, including education. Futher information is available here: www.gaidhlig.scot

------------------------------------------------------------------------------------------------------------------------

Bidh co-chomhairleachadh Gàidhlig ann an Glaschu beò bho 9m air Diluain 19mh Giblean agus fosgailte airson 3 seachdainean suas gu 10mh Cèitean. Tha an t-suirbhidh ri faotainn air an dà chuid làrach-lìn Comhairle Baile Ghlaschu agus làrach-lìn Oilthigh Ghlaschu, a tha air an liosta gu h-ìosal.

 A’ togail air toraidhean na suirbhidh, gheibh luchd-freagairt cuireadh gu com-pàirteachadh ann am buidhnean sònraichte far am bi tèaman a’ tighinn am bàrr air an deasbad gu mionaideach. Leanaidh tuilleadh fiosrachaidh mu na tachartasan sin air a’ chiad ùine co-chomhairleachaidh seo.

Gheibhear ceangal dìreach chun na suirbhidh an seo:  https://www.smartsurvey.co.uk/s/gaelicinglasgow/

Tuilleadh fiosrachadh bho Chomhairle Baile Ghlaschu an seo:  https://www.glasgow.gov.uk/article/17535/Gaelic

Tuilleadh fiosrachadh bho Oilthigh Ghlaschu an seo: https://www.gla.ac.uk/explore/gaelic/events/headline_783273_en.html

Is e buidheann gnìomha poblach neo-roinneil a th’ ann am Bòrd na Gàidhlig (BnG) a chaidh a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Is e am prìomh bhuidheann ann an Alba le uallach airson leasachadh na Gàidhlig adhartachadh agus Ministearan na h-Alba a chomhairleachadh mu chùisean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach foghlam. Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn an seo: www.gaidhlig.scot