Sàr-eòlaiche na Gàidhlig na Iar-Phrionnsabal an Oilthighe agus na Cheannard air Colaiste nan Ealan

Sàr-eòlaiche na Gàidhlig na Iar-Phrionnsabal an Oilthighe agus na Cheannard air Colaiste nan Ealan

Issued: Fri, 07 Mar 2014 10:27:00 GMT

Tha an t-Àrd-Ollamh Roibeard (Rob) Ó Maolalaigh air a bhith air a thaghadh mar Iar-Prionnsabal Oilthigh Ghlaschu agus na Cheannard air Colaiste nan Ealan.

Tòisichidh an t-Àrd-Ollamh Ó Maolalaigh anns an dreuchd air 1d dhen Fhaoilleach 2015, an àite an Àrd-Ollaimh Murray Pittock a tha air a bhith anns an dreuchd bhon Lùnastal 2010.

Roibeard Ó MaolalaighTha an t-Àrd-Oll. Ó Maolalaigh, a tha na shàr-eòlaiche air Gàidhlig agus cànachas, na Chathraiche air bòrd-comhairleachaidh Faclair na Gàidhlig, pròiseact eadar-oilthigh a chruthaicheas a’ chiad fhaclair eachdraidheil air Gàidhlig na h-Alba, coltach ri Faclair Seann Teanga na h-Alba (Dictionary of the Older Scottish Tongue),Faclair Nàiseanta na h-Alba (Scottish National Dictionary ) agus Faclair Bheurla Oxford (Oxford English Dictionary). Tha e Stiùiriche air pròiseactan Dàta Airson Stòras na Gàidhlig (DASG) agus Corpas na Gàidhlig, le chèile a fhuair maoineachadh bho Acadamaidh Bhreatainn. Tha e air a’ bhuidheann-stiùiridh aig an lìonradh eadar-oilthigh airson rannsachadh na Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig, Soillse, tha ceanglaichean làidir aige le Bòrd na Gàidhlig agus tha e air bòrd-deasachaidh iomadach iris acaideamaigeach cliùiteach.

Rugadh an t-Àrd-Oll. Ó Maolalaigh ann am Baile Àtha Cliath agus chaidh oideachadh an sin cuideachd, a’ ceumnachadh le Ceum BA Urr ann an Gàidhlig na h-Èireann agus Matamataig bho Oilthigh Colaiste Bhaile Àtha Cliath agus an dèidh sin rinn e Ceum Maighstireachd ann an Cànan agus Litreachas na h-Alba agus na h-Èireann.  Rinn e PhD aig Oilthigh Dhùn Èideann air fòn-eòlas eachdraidheil na Gàidhlig mus do thòisich e na òraidiche ann an 1993.

Ann an 2001 chaidh a chur mar Iar Àrd-Ollamh ann an Sgoil na Ceiltis, Institiúid Ard-Léinn Bhaile Átha Cliath agus anns an Fhaoilleach 2005, chaidh fhastadh gu Cathair na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus bha e na Cheannard air Roinn na Gàidhlig eadar 2007 agus 2011.

Anns a’ Ghiblean 2010 b’ ann aige a bha ciad Chathair Stèidhichte na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu agus aig an àm seo, tha e na Cheannard air Sgoil nan Daonnachdan.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Ó Maolalaigh: “Bho 1451  tha Colaiste nan Ealan air obair ionmhalta a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh farsaingeachd eòlais, teagaisg agus rannsachaidh anns na h-Ealain agus na Daonnachdan cho math ’s a tha san t-saoghal. ’S e fìor urram a th’ ann dhomh gun deach an dreuchd seo a thabhann dhomh agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith ag obair cuide ri àrd-stiùirichean agusle luchd-obrach na Colaiste gus na h-Ealain agus na Daonnachdan adhartachadh ann an Glaschu agus anns an Oilthigh anns an fharsaingeachd.”

Thuirt Prionnsabal agus Leas-Sheansalair Oilthigh Ghlaschu, An t-Àrd-Ollamh Anton Muscatelli: “Tha cliù agus urram aig Rob ann an saoghal an fhoghlaim agus nan ealan air feadh Alba agus fad is farsaing. Bu mhath leam meal a naidheachd a chur air airson na dreuchd ùr aige mar Iar-Phrionnsabal agus mar Cheannard Colaiste nan Ealan aig Oilthigh Ghlaschu.  Tha mi cinnteach gun cuir e gu mòr ri soirbheachas na Colaiste agus ri obair an Oilthigh san fharsaingeachd agus tha mi a’ dèanamh fiughar a bhith ag obair còmhla ris anns an àm ri teachd.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Murray Pittock: “Tha na còig bliadhna mu dheireadh mar Dheadhan agus an uair sin mar Leas-Phrionnsabal agus mar Cheannard Colaiste nan Ealanair a bhith tlachdmhor agus air còrdadh rium. The na h-Ealain ann an Glaschu air ceumannan mòra a ghabhail air adhart a thaobh teachd-a-steach rannsachaidh, cliù, ìrean faighinn a-steach, sgaoileadh fiosrachaidh, teachd-a-steach, inbhe eadar-nàiseanta agus rangachadh, co-ionnanachd agus ann am foghlam cheumnach, le Sgoil Cheumnach a’ dol a dh’fhosgladh an seo air 1d dhen Ghiblean. Tha sinn air 65 luchd-obrach ùra fhastadh gu raointean ùra thar na Colaiste, agus tha cunbhalachd àrd-ollamhan a tha boireann an treas cuid nas àirde. Bha agus tha a’ Cholaiste a’ faighinn deagh thaic bho fhìor dheagh sgioba-stiùiridh, agus a-nis agus e mar fhear den sgioba-stiùiridh sin, tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do Rob anns an dreuchd ùir aige.'


Iarrtasan bho na meadhanan: nick.wade@glasgow.ac.uk, 0141-330-7126

<< Gaelic