UNIVERSITY of GLASGOW

Celtic and Gaelic
Part of the Faculty of Arts
home > departments > Celtic and Gaelic > Duilleagan Gàidhlig > Rannsachadh san Roinn

Rannsachadh san Roinn

Tha luchd-obrach san Roinn air a bhith ag obair agus ri saothair ann an raon farsaing de chuspairean co-cheangailte ris na nithean a leanas:

Litreachas is Eachdraidh nam Meadhan-Aoisean:

  • An eachdraidh is a’ bhàrdachd as tràithe a bhuineas do dh’Idhe Chaluim Cille
  • Co-chruinneachadh (le eadar-theangachadh dhan Bheurla) de bhàrdachd na h-Alba, 550–1350
  • Ainmean-àite ann am bàrdachd nam Breatannach sa cheann a tuath
  • Eachdraidh Alba, AD 400–1100
  • An eaglais anns na MeadhanAoisean
  • Bana-bhàird Ghàidhealach anns na Meadhan-Aoisean
  • Amadain is mar a bha iad a’ nochdadh ann an seann sgeulachdan Èireannach
  • Sgeulachdan siubhal-mara o Èirinn
  • Sgeulachdan ann an seann bhàrdachd na h-Èirinn
  • Caithe-beatha mar a tha e ri fhaicinn ann an seann sgeulachdan Uladh
  • Leabhar oideachaidh Cuimris nam Meadhan-Aoisean (do dh’ fhìor luchd-tòiseachaidh)
  • Cànan is cultur nan Cruithneach
  • Seann snaidheadh cloiche Chrìosdaidh anns a’ Mhumhain

Litreachas an Gàidhlig na h-Alba agus Gàidhlig na h-Èireann

  • Deasachadh de bhàrdachd an Gàidhlig na h-Èireann on ochdamh agus an naoidheamh linn deug
  • Rosg agus sgrìobhainnean eile a bhuineas don Urr. Alasdair MacGriogair
  • Saothair Iain MhicCormaig
  • Còmhradh eadar dithis ann an dualchas-sgrìobhaidh na Gàidhlig
  • Seanfhacail an Gàidhlig
  • Naidheachdan is Naidheachdais ann an Gàidhlig
  • Dàin gaisgeil ann an Gàidhlig
  • Beul-aithris air Gaidhealtachd
  • Mar a tha rosg agus dàin a’ tighinn beò air bilean an t-sluaigh, seach ann an sgrìobhainnean
  • Bàrdachd Ghàidhlig san fhicheadamh linn
  • Deòrsa mac Iain Deòrsa
  • Litreachas Gàidhlig ro Bhliadhna Theàrlaich

Cànan, teagasg, agus Cànanachas

  • Faclairean air an eadar-lìon airson Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig na h-Alba
  • Mion-rannsachaidh Cànanachais na Gàidhlig
  • Dearbhair-litreachaidh Cuimris
  • Dualchainntean na Gàidhlig an Alba is an Èirinn
  • Gràmar na Gàidhlig
  • Coimpiutaireachd agus teagasg-Gàidhlig
  • Eachdraidh nam faclair ann an Gàidhlig

Tha luchd-obrach na Roinne an sàs ann an diofar phròiseactan an dà chuid feadhainn acadaimeagach agus le buidhnean poblach, mar leasachadh-coimpiutair ann an teagasg Gàidhlig, rannsachadh Cànanachais na Gàidhlig, agus gràmair a bhios feumail anns na sgoiltean.