Plana Gàidhlig an Oilthighe

Plana Gàidhlig an Oilthighe

Thèid Plana Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu a' cur air bhog Diciadain 13mh Màrt 2013. Chaidh am Plana ullachadh fo chumhachan Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus a rèir amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus planaichean ro-innleachdail an Oilthighe. 

Plana Gàidhlig

Comataidh Gàidhlig an Oilthighe 

Chaidh Comataidh Gàidhlig an Oilthighe a stèidheachadh ann an 2011 airson ullachadh Plana Gàidhlig an Oilthighe a stiùireadh ann an co-bhonn le Oifigear Gàidhlig an Oilthighe. Tha fìor mheasgachadh de bhuill air a’ Chomataidh a tha a’ riochdadh diofar roinnean air feadh an Oilthighe.  Tha buill a’ Chomataidh air ainmeachadh gu h-ìosal.

An Dr. Dorothy Welch (Cathraiche), Leas-Rùnaire an Oilthighe 

An t-Ollamh Roibeard Ó Maolalaigh, Ollamh na Gàidhlig & Ceannard Sgoil nan Daonnachdan

An t-Ollamh Dauvit Broun, Ollamh Eachdraidh na h-Alba

An t-Ollamh Alison Phipps, Ollamh Chànanan agus Rannsachaidhean Eadar-chultarail

An t-Ollamh Pòl Younger, Ollamh Innleadaireachd

Mr Coinneach MacLean, Oileanach Iar-cheumnach (Gàidhlig agus Turasachd)

Ms Helen Durndell, Leabharlann

Mr Peter Aitchison, Iar-Cheannard Roinn Conaltraidh (Naidheachdan is Meadhanan)

Mr James Harrison, Ceannard Comhairle Riochdachaidh nan Oileanach

Ms Fiona Dunn, Oifigear na Gàidhlig